Leapannan a bharrachd an Ospadal Phort Rìgh

Luchd-iomairt

Tha sia leapannan a bharrachd rim faighinn bho Dhiluain aig Ospadal Phort Rìgh.

Tha seo a' toirt na h-àireimh gu lèir suas gu dà leabaidh dheug.

Tha na leapannan ùra ann mar thoradh air molaidhean a thàinig an-uiridh bho Sir Lewis Ritchie.

Strì

Rinn e sgrùdadh air seirbheisean slàinte san sgìre às dèidh iomairt - gu h-àraidh ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich - gus Ospadal Phort Rìgh a chumail fosgailte.

Thèid dithis euslainteach ùr a-steach dhan ospadal Diluain fhèin.

Bidh na leapannan eile deiseil airson nuair a bhios feum orra.

Tuilleadh air an sgeulachd seo