Aire air Cupa Eilean an Fhraoich

Lìon

Bidh aire air Cupa Eilean an Fhraoich oidhche Luain is na dàrna geamaichean sa chiad chuairt ann.

'S e mìorbhail a dh'fheumas Càrlabhagh is Ùig is Beàrnaraigh.

Tha Càrlabhagh aig an taigh an aghaidh a' Bhac is iad air deireadh 9-0 bhon chiad gheama.

Thèid Ùig is Beàrnaraigh a Gharrabost is iad 8-0 air deireadh an aghaidh an Rubha.

Tha cùisean nas fhaisge eadar an Taobh Siar is na Hearadh, is na Hearaich ag amas air gnothaichean a thionndadh mun cuairt air an Taibeart às dèidh a' chiad gheama a chall 2-0.

Bha Nis is Lochan cuideachd gus a bhith a' cluich oidhche Luain is na Lochan air thoiseach 3-0, ach chaidh an geama a chur dheth air sgàth bàs ann an sgìre Nis.

Bha an naidheachd mhòr air an deireadh-sheachdain ann an Steòrnabhagh far an do rinn Slèite is an Srath a' chùis 2-1 air Aths ann an Cupa Amaitearach na Gàidhealtachd.

'S e Slèite an aona sgioba bhon chosta an iar a tha air fhàgail san fharpais.

Cluichidh iad a-nise Abhach sa chairteal chuairt dheireannaich.

Tha geamaichean gu leòr ann anns na làithean ri tighinn:

Diluain 01/07

Cupa Eilean an Fhraoich- uile aig 7f

Càrlabhagh (0) - Am Bac (9)

Na Hearadh (0) - An Taobh Siar (2)

An Rubha (8) - Ùig is Beàrnaraigh (0)

Dimàirt 02/07

Lìog an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse - 7.15f

Iar-Thuath an Eilein Sgitheanaich - Slèite is an Srath

Diciadain 03/07

Lìog Leòdhais is na Hearadh - uile aig 7f

Athletic - Nis

Na Hearadh - An Rubha

Dihaoine 05/07

Cuairt Dheireannach Chupa Jock Stein - 7f

Athletic - Na Lochan

Lìog an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse - 7.30f

Iar-Thuath an Eilein Sgitheanaich - Caol Àcainn

Disathairne 06/07

Lìog an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse

GA United - Malaig (12f)

An Caol - Gleann Eilg (6f)

Lìog Uibhist is Bharraigh - a bhith air an dearbhadh

Beinn nam Fadhla - Barraigh

Southend - Saints an Iochdair

Èirisgeidh - Uibhist a Tuath

Tuilleadh air an sgeulachd seo