Buaidh chudromach do na Sgitheanaich

Iomain

Thog boireannaich an Eilein Sgitheanaich dà phuing luachmhor san Lìog Nàiseanta Didòmhnaich.

Rinn iad a' chùis 4-3 air Bàideanach ann an Ceann a' Ghiuthsaich.

Bha na Sgitheanaich air thoiseach 3-0 aig lethach ùine ach thill Bàideanach orra san dàrna leth.

Fhuair iad air ais gu 3-2 ach rinn tadhal bho Sarah Corrigall, an dàrna tadhal aice den là, cinnteach gum faigheadh an t-Eilean Sgitheanach na puingean.

'S iad Lorna NicRath is Emma Ghòrdan a fhuair na tadhail eile do na Sgitheanaich, is Megan Ralph, Zoe Reid is Kirsty Deans air an targaid do Bhàideanach.

Blàr

Tha Bàideanach is na Sgitheanaich ri chèile air aona gheama lìge a chall a-nise.

Tha Loch Abar fhathast sa bhlàr aig a' mhullach cuideachd. Rinn iadsan an gnothach 3-2 air Obar Dobhair Didòmhnaich.

Ann an iomain nam fear Disathairne, chum Camanachd an Òbain greim air Cupa Comann Ceilteach Ghlaschu.

B' e 2-1 a bh' ann dhaibh an aghaidh Chaol Bhòid ann an Taigh an Uillt.

Chuir Anndra MacCuthais an tadhal a bhuannaich an geama dhaibh aig deireadh ùine a bharrachd, is coltas ann ron sin gum biodh slaicean-peanais a dhìth.

Adhartas

Chaidh Baile Ùr an t-Slèibh is Ceann a' Ghiuthsaich air adhart ann an Cupa MhicAmhlaidh.

Rinn am Baile Ùr an gnothach air Lòbhat uair eile, an turas seo 2-1, is b' e 4-3 a bh' ann dha Kings an aghaidh Chabair Fèidh.

Sa Phrìomh Lìog, rinn Loch Abar an gnothach air Cill Mhàillidh 3-1 is shoirbhich Inbhir Aora 2-0 is iad a' tadhal air Ceann Loch Seile.

Cha mhòr nach eil an Gearasdan air an Lìog Nàiseanta a bhuannachadh mar-thà.

Thug iad pronnadh 7-0 air a' Mhanachainn is iad a-nise air naoi geama a-mach à naoi a bhuannachadh.

Chan eil cus dòchais ann gun tèid na Sgitheanaich suas ge-tà is iad a' call a-rithist Disathairne, an turas seo 3-1 ri GMA.