Bric ma sgaoil an Loch Èite

Dh'innis companaidh èisg gur e toll ann an lìon as coireach gun d'fhuair 33,000 breac mu sgaoil an Loch Èite.

Thuirt Dawnfresh gun deach mothachadh ris a' chùis air a' mhìos seo chaidh agus iad a' cuideachadh bòrd iasgach a' bhradain le stocan èisg a chunntadh.

Chaidh luchd-rannsachaidh aig Riaghaltas na h-Alba dhan làraich aig Dawnfresh Diardaoin seo chaidh.

Thuirt a' chompanaidh gu bheil iad air ceumanan a ghabhail gus nach tachair seo a-rithist.