Còmhraidhean a thaobh luchd-iùil

Plèana

Tha dùil ri tuilleadh chòmhraidhean an t-seachdain seo eadar companaidh Puirt-àdhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean, HIAL, agus riochdairean luchd-iùil.

Thàinig e am bàrr an t-seachdain seo chaidh gun robh luchd-iùil air tairgse pàighidh ùir bho HIAL a dhiùltadh.

Tha an luchd-obrach air a bhith ag iarraidh àrdachaidh de 10% aig a' char as lugha.

Tha iad mì-thoilichte leis a' phàigheadh a tha iad a' faiginn an coimeas ri luchd-iùil ann am pàirtean eile de Bhreatainn.

Iomairt

A rèir HIAL, cha gabh coimeas a dhèanamh leis an roinn phrìobhaidich leis an eadar-dhealachadh th' ann leis na tha de phlèanaichean san adhair.

Thuirt HIAL cuideachd gum feum iad cumail ri poileasaidh an Riaghaltais air pàigheadh.

Tha luchd-iùil a-nis air tilleadh gu iomairt-obrach far a bheilear a' diùltadh dad a dhèanamh a thuilleadh air na tha bunaiteach sa chùmhnant aca.

Thuirt HIAL gur e tàmailt a tha seo aig àm nuair a tha puirt-adhair trang is daoine a' falbh air làithean-saora.

Tha dùil gum bi còmhraidhean ùra ann eadar HIAL is Prospect Diardaoin.

Tuilleadh air an sgeulachd seo