"Cothrom" air airgead a bharrachd do sheirbheisean BBC ALBA

Tha ceannard MG ALBA, Dòmhnall Caimbeul, an dòchas gum bi cothrom air barrachd airgid fhaighinn do sheirbheisean BBC ALBA mura bi aig a' BhBC ri uiread a chosg air cìsean telebhisein do dhaoine nas sine.

Tha am BBC air innse nach pàigh iad sin tuilleadh, às dèidh dhan Riaghaltas uallach air a shon a chur orra bho chionn beagan bhliadhnaichean.

Thuirt cathraiche MG ALBA, a tha a' ruith BBC ALBA ann an co-bhonn ris a' BhBC, an t-seachdain seo chaidh gun robh àrdachadh a dhìth ann an ìre na seirbheis san fharsaingeachd.

Thuirt Ceannard Sheirbheisean Gàidhlig a' BhBC, Mairead Màiri Mhoireach gu bheil BBC ALBA air leudachadh is gu bheil e air leantainn a' gabhail cheumannan cudromach. 

Mhìnich i cuideachd gu bheil am BBC, còmhla ri MG ALBA, àrd-amasach airson na seirbheis agus gu bheil iad a' coimhead ri leantainn le co-obrachadh agus a'dèanamh conaltraidh as ùr mu dhòighean leasachaidh airson na seirbheis.

Tuilleadh air an sgeulachd seo