Teagamhan mu pholasaidh Bhòrd na Gàidhlig is Alba Chruthachail

Calum MacIlleathain
Image caption Ann an leabhar ùr tha Calum MacIlleathain ag ràdh gu bheil far am bheil Bòrd na Gaidhlig stèidhichte - ann an Inbhir Nis - a' fàgail choimhearsnachdan Gàidhlig sna h-eileanan den bheachd gu bheil iad air an iomall.

Tha fear a thug bliadhnaichean mòra ag iomairt as leth na Gàidhlig agus nan ealain a' cur teagamh ann am polasaidh Bhòrd na Gàidhlig agus ann an Alba Chruthachail.

Ann an leabhar ùr tha Calum MacIlleathain ag ràdh gu bheil far am bheil Bòrd na Gaidhlig stèidhichte - ann an Inbhir Nis - a' fàgail choimhearsnachdan Gàidhlig sna h-eileanan den bheachd gu bheil iad air an iomall.

Agus tha dragh air Mgr MacIlleathain nach eil ro-innleachd shoilleir aig Bòrd na Gàidhlig neo aig Alba Chruthachail.

Tha e ag ràdh gu bheil an t-àm sùil às ùr a thoirt air suidheachadh a' Bhùird.

"'Bha mise den bheachd gum biodh e na bu chiallaiche Bòrd na Gàidhlig a' stèidheachadh anns na h-Eileanan Siar far am biodh na h-obraichean agus an seasamh agus iomadach diofar cothruim a thigeadh na chois.

"Ach mura robh e gu bhith stèidhichte anns na h-Eileanan Siar, chanainn gum biodh e na bu chiallaiche Bòrd na Gàidhlig a' stèidheachadh ann an Dùn Èideann far an robh thu gu bhith nas fhaisge air luchd-poileataigs agus air an riaghaltas agus air an airgead.

"Agus tha Inbhir Nis, dhomhsa, a' tuiteam tro tholl anns a' mheadhan mar gum biodh.", thuirt e.

Àite cudromach

Thuirt Bòrd na Gàidhlig gu bheil am fòcas aca air na sgìrean anns a bheil a' Ghàidhlig fhathast làidir, 's iad a freagairt chasaidean gu bheil sgaradh eadar coimhearsnachdan Gàidhlig anns na h-eileanan agus iomairtean cànain air tir-mòr.

Thuirt Ceannard Bhòrd na Gàidhlig, Shona NicGillFhinnein gur e beachd inntinneach a tha Mgr MacIlleathain a' cur air adhart ach gu bheil iad a'dol as aicheadh nan casaidean mu obair a' bhùird:

"Tha sinne ag obair air feadh na h-Alba, mar sin ged a tha na h-oifisean ann an seo, chan eil e a' ciallachadh nach eil sinn ag obair ann an iomadh àite eile.

"Tha sinn ag obair leis na h-ùghdarrasan ionadail air feadh Alba, tha sin a' cur fòcas sònraichte air a bhith ag obair le Comhairle nan Eilean Siar.

"Agus tha cuideachd oifisean againn ann an àiteachan eile a bharrachd air a sin, mar sin dheth tha mi smaoineachadh gu bheil sinn a' dèanamh sin - tha sin ag obair air feadh na dùthcha."

Thuirt Alba Chruthachail gu bheil iad ag obrachadh gu dlùth le Bòrd na Gàidhlig thar grunn roinnean agus tro phrògraman maoineachaidh.

Tha a' bhuidheann ag ràdh ged nach eil iad a' gabhail ris na tha Mgr MacIlleathain ag ràdh gu h-iomlan, gu bheil iad ag aontachadh gu bheil àite cudromach aig na h-ealain ann a bhith a' cur taic ri leasachadh na Gàidhlig, gu sònraichte son inbhe a' chànain a sgaoileadh do luchd-amhairc nàiseanta agus eadar-nàiseanta.