Barrathon
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Barrathon brèagha

30 An t-Ogmhìos 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ruigh cha mhòr trì cheud duine mun cuairt Bharraigh anns an fhicheadamh Barrathon Disathairne.

'S i Jennifer Wetton a' chiad bhoireanach tarsaing na loidhne agus i a' gearradh còrr is mionaid far chlàr ruigh nam ban agus 's e Cameron Milne a bhuannaich 'son na fir.

Tha fèill mhòr air àite anns a rèis, ach tha dithis air an gnothach a dhèanamh clàradh air a shon bho thòisich i.

Ach, tha dùil ri atharrachadh air stiùireadh an tachartais 's na bliadhnaichean ri thighinn.

Tha an aithris seo aig Shona NicDhòmhnaill.