Young Films
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Bunait Young Films

28 An t-Ogmhìos 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha seachdainn thrang air a bhith aig sianar san Eilean Sgitheanach agus cothrom aca beachdan a chur air adhart airson fiolmaichean ùra. Fhuair iad cothrom coinneachadh ri riochdairean bho chompanaidhean mòra ann am Breatainn - leithid Sky TV, Film4 agus BBC Films, agus fiù companaidhean Eòrpach. A thuilleadh air a bhith a' cur am beachdan air adhart, fhuair an sianar comhairle bhopa cuideachd. Seo an dàrna bliadhna a tha seo air tachairt. Chaidh a chur air dòigh le Bunait Young Films, a tha stèidhichte ann an Slèite. Tha aon àite ga chumail gach bliadhna do neach a tha airson fiolm Gàidhlig a dhèanamh. Tha an aithris seo aig Alasdair MacLeòid.