Malky
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Leasachadh na Gàidhlig ga chàineadh

28 An t-Ogmhìos 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Chaidh càineadh a dhèanamh air an dòigh sa bheil cuid de bhuidhnean poblach a' làimhseachadh brosnachadh na Gàidhlig le fear a bha e fhèin an sàs ann an obair-leasachaidh fad bhliadhnachan. Thuirt Calum MacIllEathain gun robh Bòrd na Gàidhlig a' cruthachadh sgaradh eadar iomairtean airson luchd-ionnsachaidh ann am bailtean mòra agus coimhearsnachdan eileanach far a bheil Gàidhlig aig a mhòr chuid. A thuilleadh air a sin thuirt e gu robh e na fhàiligeadh mòr nach robh ro-innleachd aig Alba Cruthachail airson nan ealain Gàidhlig. Tha barrachd aig Doneil MacLeòid.