Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

28 An t-Ogmhìos 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

G20

Tha am Prìomhaire Theresa May a' coinneachadh ri Ceann-Suidhe na Ruis, Vladimir Putin, air thoiseach air co-labhairt an G20 ann an Iapan. A' bruidhinn ro-làimh, thuirt a' Bh-Mhgr May gun robh i a' dol a thogail air mar a chaidh am puinnsean Novichok a chleachdadh ann an Salisbury, ann an oidhirp am fear-brathaidh Ruiseannach Sergei Skripal a mhurt. Tha am Prìomhaire ag ràdh gum feum an dithis Ruiseannach a tha fo amharas a thoirt gu ceartas.

Craoladh Gàidhlig

Dh'iarr Cathraiche MG ALBA, a bhios a' ruith BBC ALBA ann an co-bhann ris a' BhBC, gun tèid rèite ùr a dhèanamh eadar craobh-sgaoladairean agus riaghaltasan mu chraoladh Ghàidhlig. A' sgrìobhadh ann an aithisg bhliadhnail na buidhne, tha Ailean Dòmhnallach a' togail air mar a tha e ceadaichte barrachd phrògraman ath-chraoladh air BBC ALBA na tha e air BBC Scotland, agus mar a tha soilleireachd dhealbhan seanalan eile gu math nas fheàrr na tha BBC ALBA. Thuirt Mgr Dòmhnallach nach eil e idir iomchaidh gum biodh luchd-amhairc na Gàidhlig a' faighinn seirbheis aig ìre nas ìsle.

Raon Goilf Dhòmhnaill Thrump

Tha stiùirichean raoin ghoilf Dhòmhnaill Thrump ann an Siorrachd Obar Dheathain ag ràdh gun deach car a thoirt àsta, às dèidh mar a chaidh co-dhùnadh gum bu chòir dìon àrainneachdail a thoirt air falbh bho na coilleagan air an talamh aca. Thàinig am moladh bho SNH a tha ag ràdh nach eil adhbhar ann tuilleadh Raon Goilf Menie a bhith na phàirt den sgìre ghlèidhteachais SSSI. Tha iad a' coireachadh an raoin airson na coileagan a mhilleadh, agus àrainneachd a chall. Tha Trump International a' cumail a-mach gun do chosg iad na milleanan Notaichean a' dìon na làraich.

Bàthadh

Chaidh nighean òg a bhàthadh às dèidh dhi a dhol a shnàmh ann an abhainn ann an sgìre Mhanchester. Chaidh corp na h-ìghne, a bha 12 bliadhna de dh'aois, a lorg ann an Abhainn Irwell ann am Bury, mu 8:00f an-dè. Tha na Poilis air rabhadh eile a thoirt do dhaoine gun iad a bhith a' dol a-steach gu aibhnichean, lochan no amaran-uisge.

Dòmhnall MacCarmaig

Tha luaidh ga dhèanamh air Dòmhnall MacCarmaig, am fear-cruinneachaidh leabhraichean a chaochail aig aois 80. Bha mòran a' measadh Mhgr MhicCarmaig, aig an robh buinteanas ri Uibhist a Tuath, mar a' chruinniche sheann leabhraichean a bu chudromaiche ann an Alba, gu sònraichte leabhraichean a bhuineadh dhan Ghàidhealtachd agus dhan Ghàidhlig.