Duine fhathast a dhìth air Taobh Siar Rois

Màrtainn Rhodes Image copyright Police Scotland
Image caption Màrtainn Rhodes a tha fhathast a dhìth air Taobh Siar Rois.

Tha sgioba teasairginn air Taobh Siar Rois a' dèanamh oidhirp às ùr duine aois 46 a lorg.

Chaidh Màrtainn Rhodes à Siorrachd York fhaicinn mu dheireadh ann an Ceann Loch Iù tràth sa Chèitean.

Cha do thill e às dèidh a dhol a-mach a choiseachd tro bheanntan Fisherfield, cuid de na bheanntan as iomallaiche an Alba.

Tha Sgioba Teasairginn Dùn Dòmhnaill a' stiùireadh oidhirp às ùr airson Màrtainn a lorg.

Iomallach

"A dh'aindeoin coimhead gu mionaideach air feadh grùnn sgìrean, cha d'fhuair sinn lorg air Màrtainn", thuirt ceannard na sgioba, Dòmhnall MacRath.

"Tha an raon 's a bheil sinn a' siubhail cho iomallach - ceithir uairean coiseachd bhon rathad, sin mus faigh sinn chun an àite far am bi sinn a' tòiseachadh air coimhead.

"Rannsaich sinn na prìomh slighean agus tha sinn a-nis a' leudachadh a-mach gu talamh nas corraich agus nas dùbhlanaiche a dh'fheumas taic theicnigeach airson a shreap", thuirt e.

Chaidh iarraidh air sreapadairean is luchd-coiseachd a tha a' dol dhan sgìre sùil a chumail a-mach airson Mhgr Rhodes.