Luchd-iùil air tairgse a dhiùltadh

Plèana aig port-adhair Bheinn a' Bhaoghla Image copyright David Martin / Geograph

Tha buill an aonaidh a tha a' riochdachadh luchd-iùil aig Pùirt-Adhair na Gàidhealtachd is nan Eilean air tairgse pàighidh bhon chompanaidh a dhiùltadh.

Chum an t-aonadh Prospect baileat am measg luchd-iùil air a' mhìos seo chaidh mu thairgse ùir pàighidh a bha iad air fhaighinn bho HIAL.

Tha na buill aca air bhòtadh na aghaidh.

Tha an luchd-obrach air a bhith ag iarraidh àrdachaidh de 10% aig a' char as lugha.

Chan eil fhios aig an àm seo dè bha HIAL a' tairgsinn.

Argamaid

Thòisich an luchd-obrach iomairt-obrach sa Ghiblean is dragh orra mu phàigheadh, agus thèid iad air ais thuige sin bho Dhisathairne an 29mh là den Ògmhios.

Chaidh stailc a chumail cuideachd fad là sa Chèitean ann am Beinn nam Fadhla, Dùn Dè, Inbhir Nis, Steòrnabhagh, Baile na h-Eaglaise agus an Sumburgh.

'S ann le Riaghaltais na h-Alba a tha HIAL agus tha Prospect ag argamaid gu bheil luchd-iùil sa roinn phoblaich a' faighinn barrachad airgid na tha na buill acasan.

Tha HIAL ag ràdh nach gabh coimeas a dhèanamh leis an roinn phrìobhaidich leis an eadar-dhealachadh th' ann leis na tha de phlèanaichean san adhair, is gum feum iad cumail ri poileasaidh an Riaghaltais air pàigheadh.

Dh'innis Dàibhidh Avery bho Phrospect gu bheil dùil aca coinneachadh ris an luchd-obrach Diluain mus coinnich iad le HIAL Diardaoin.