Ceòl na pìoba an Inbhir Nis

Pìobairean Image copyright Piping Inverness
Image caption Pìobairean bho sgoil Knox Grammar à Astràilia a bhios a' farpais.

Chìthear pìobairean bho air feadh an t-saoghail an Inbhir Nis Disathairne aig Farpais Chòmhlan Pìoba na Roinn Eòrpa.

Cruinnichidh mu 140 còmhlan bho fhad is farsaing aig Pàirc a' Bhucht sa bhaile, feadhainn bho Astràilia, Aimearagaidh agus an t-Eilbheis nam measg.

Seo a' chiad uair a thàinig an fharpais a dh'Inbhir Nis agus thathar an dùil ris na mìltean sa bhaile airson an tachartais bhliadhnail.

Dàil

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air fiosrachadh a thoirt seachad mu rathaidean air am bi buaidh is cuid gu bhith dùinte.

Gheibhear am fiosrachadh an seo

A bharrachd air sin, bidh Drochaid an Taigh-Eiridinn dùinte bho 7.30m gu 7.30f.

Tha siostam 'Pàirc agus Siubhal' air a chur air dòigh do dhaoine bho Champas Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean, le busaichean a' fàgail dhaoine faisg air làimh taobh a-muigh Ionad Spòrs Inbhir Nis.