Dùbhlan nam meadhanan Gàidhlig

Cathraiche MG ALBA, Ailean Dòmhnallach Image copyright Donald MacLeod
Image caption Cathraiche MG ALBA, Ailean Dòmhnallach

Mhìnich a' bhuidheann chraolaidh MG ALBA na duilgheadasan a tha ro BhBC ALBA san àm ri teachd, 's iad a' foillseachadh na h-aithisg bliadhnail aca.

Tha a' bhuidheann ag iarraidh lèirmheas san aithghearrachd air craoladh nam meadhanan Gàidhlig.

A' sgrìobhadh san aithisg bhliadhnail, thog Cathraiche na buidhne, Ailean Dòmhnallach, air mar a tha e ceadaichte barrachd phrògraman ath-chraoladh air BBC ALBA na tha e air BBC Scotland.

Bhiodhte an dùil gun tachradh sin le 50% de phrògraman, ach tha 75% de phrògraman air BBC ALBA gan sealltainn a-rithist.

Ìre

Bhruidhinn e cuideachd air mara bu chòir soilleireachd nan dealbhan a bhith nas fheàrr. An-dràsta tha iad ann an deifinisean cumanta (SD) ach bhithear ag iarraidh deifinisean aig ìre nas àirde (HD) mar a th' aig grunn sheanalan eile.

"Chan eil e idir iomchaidh gum biodh luchd-amhairc na Gàidhlig a' faighinn seirbheis aig ìre nas ìsle," thuirt Mgr Dòmhnallach.

Tha MG ALBA air iarraidh air a' BhBC dèanamh cinnteach gu bheil an aon chothrom agus an aon inbhe de phrògraman acasan 's a th' aig seanail ùr a BhBC, agus prògraman ann an cànain dùthchasach eile na Rìoghachd Aonaichte.

Craoladh

Tha a' bhuidheann ag obair ann an co-bhanntachd le BBC ALBA ann a bhith a' ruith seanail Gàidhlig na h-Alba, agus tha iad ag iarraidh gum bi am BBC a' bruidhinn ri riaghaltasan na dùthcha agus ri Ofcom airson rèite ùr a ruighinn airson craoladh na Gàidhlig.

"Brosnaichidh sinn am BBC gu bhith fosgailte agus follaiseach mu na prionnsabalan a bhithear a' cleachdadh ann a bhith a' riarachadh ghoireasan airson craoladh Gàidhlig, agus mar a nì iad cinnteach gu bheil modh-obrach cothromach ga chleachdadh thar nam mion-chànain dùthchasach a tha mar phàirt den uallach chultarail san fharsaingeachd a th'aca," thuirt Mgr Dòmhnallach.

Thuirt am BBC gu bheil iad airson an t-seirbheis a leasachadh agus gu bheil iad a' coimhead air adhart ri bhith a' conaltradh mun ghnothach.

"Chomharraich BBC ALBA deich bliadhna de shoirbheachas an-uiridh agus tha an seanail air leantainn a' gabhail cheumannan cudromach", thuirt Ceannard Sheirbheisean Gàidhlig a' BhBC, Mairead Màiri Mhoireach.

Àrd-amasach

"Chaidh an t-seirbheis naidheachd a leudachadh le An Là a-nis ri fhaicinn aig deireadh na seachdain.

"Agus chaidh com-pàirteachas aontachadh le seanailean cloinne CBeebies agus CBBC a tha air fàs susbainteach a thoirt air an àireamh de dh'uairean a thìde de phrògraman chloinne ùra airson clàr BBC ALBA.

"Bho chionn co-la-deug bha an seanail glè shoirbheachail aig duaisean an RTS (Royal Television Society) far an deach ceithir duaisean a chosnadh thairis air iomadach gnè farpaiseach le comadaidh agus spòrs nam measg.

"Còmhla ri MG ALBA, tha sinn àrd-amasach airson na seirbheis agus tha sinn a' coimhead ri leantainn ar co-obrachadh agus a' dèanamh conaltradh as ùr mu dhòighean leasachaidh airson na seirbheis", thuirt i.