Luaidh ga dhèanamh air Dòmhnall MacCarmaig

Dòmhnall MacCarmaig

Tha luaidh ga dhèanamh air Dòmhnall MacCarmaig, am fear-cruinnichidh leabhraichean.

Rugadh Mgr MacCarmaig san Eaglais Bhric ach thogadh e ann an Dùn Èideann, is chuir e seachad a bheatha sa bhaile.

'S ann à Uibhist a Tuath a bha a phàrantan ge-tà, is dh'innis Mgr MacCarmaig nach tuirt e riamh gur ann às an Eaglais Bhric no Dùn Èideann a bha e.

Cha deach bliadhna seachad nach robh e ann an Uibhist a Tuath.

Bha e na mheacanaig is e cuideachd ag obair aig Oifis a' Phuist na òige mus deach e an sàs ann an leabhraichean.

Air a' cheann thall, bha mòran ga mheas mar a' chruinniche sheann leabhraichean a bu chudromaiche ann an Alba, gu sònraichte leabhraichean a bhuineadh dhan Ghàidhealtachd 's dhan Ghàidhlig.

Tha cruinneachadh MhicCarmaig, cha mhòr 2,000 leabhar, a-nise air a ghlèidheadh aig Sabhal Mòr Ostaig.

Bhàsaich Dòmhnall MacCarmaig aig aois 80.