Aithisg mu bhàs iasgair air Taobh Siar Rois

Fram Image copyright Buidheann Rannsachaidh nan Tubaistean Mara

Cho-dhùin rannsachadh air bàs iasgair air Taobh Siar Rois gun deach a bhàthadh air sgàth 's nach robh seacaid-sàbhalaidh air.

Fhuair Buidheann Rannsachaidh nan Tubaistean Mara (MAIB) cuideachd gun robh buaidh aig deoch-làidir air a' chùis.

Dh'innis iad gun robh buaidh aig deoch-làidir air 17 a-mach à 24 tubaistean mairbhteach eile ann an Alba eadar 1994 is 2016 nuair a bha iasgairean a' dol air bòrd bhàtaichean.

Chaochail Donnchadh MacMhathain, 62, ann an tubaist ann an Loch Thoirbheartan san Lùnastal an-uiridh.

Bha e a' feuchainn ri eathar a cheangal ri taobh a' bhàta Fram nuair a thuit e dhan uisge.

Fhuair aithisg an MAIB gu bheil a h-uile coltas ann gun do bhuail Mgr MacMhathain a cheann nuair a thuit e.

Èiginn

Dh'innis iad cuideachd gun robh an deoch air aig an àm, is nach b'urrainn dha snàmh.

Cho-dhùin an aithisg nach b'urrainn dhan sgiobair Mgr MacMhathain a thoirt air ais air bòrd leis nach robh seacaid-sàbhalaidh air, is gur e sin a bu choireach gun do bhàthadh e.

Dh'innis an MAIB cuideachd nach do chuir an sgiobair a-mach brath èiginn fad leth uair a thìde oir bha e a' feuchainn ri Mgr MacMhathain a shàbhaladh, ach nach robh coltas ann gun tug seo buaidh air bàs Mhgr MhicMhathain.

B' e seo an còigeamh tubaist mhairbhteach timcheall chostaichean na h-Alba san trì bliadhna mu dheireadh nuair nach robhar a' cleachdadh seacaid-sàbhalaidh.

Tha am MAIB air stiùireadh a sgaoileadh às ùr dhan ghnìomhachas le leasanan bhon tubaist seo, is dh'iarr iad air an fheadhainn leis a bheil Fram dèanamh cinnteach gun tèid riaghailtean a thaobh na dibhe is dhrugaichean a leantainn.

Tha an fheadhainn leis a bheil Fram air seacaidean-sàbhalaidh ùra a cheannach a dh'fheumas a bhith air an cleachdadh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile