Companaidh Sgitheanach a' fàs

Aonta leanna Image copyright Chris James

Tha Companaidh Grùdaidh an Eilein Sgitheanaich a' leudachadh agus iad air companaidh leanna eile a cheannach.

Cha deach an t-suim a phàigh a' chompanaidh airson Black Wolf, a tha stèidhichte faisg air Sruighlea, fhoillseachadh.

Tha an t-aonta a' ciallachadh gum bi goireasan botalaidh a-nise aig Companaidh Grùdaidh an Eilein Sgitheanaich dhaibh fhèin.

Thuirt stìuriche na companaidh, Kenny Webster, gur e ceum cudromach a tha sin dhaibh.

Dh'innis e gun leig e leotha an t-iarrtas a th' ann an-dràsta a choileanadh agus coimhead ri leudachadh a bharrachd.

Bidh na leanntan Sgitheanach fhathast air an dèanamh san taigh-grùdaidh ann an Ùige, is bidh leann Black Wolf fhathast ri fhaighinn mar a bha cuideachd.