Nàimhdean mu dheas gus coinneachadh a-rithist

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Mar a bhuannaich Camanachd an Òbain Cupa Comann Ceilteach Ghlaschu an 2018.

'S e teachdaireachd làidir is soilleir a bh' ann.

Tha sinn air ais aig a' mhullach is tha sinn am beachd fuireach ann.

'S e sin a thuirt Camanachd an Òbain bho chionn bliadhna às dèidh dhaibh Cupa Comann Ceilteach Ghlaschu a thogail le buaidh 2-0 air Caol Bhòid.

Bu bhinn an là do sheòid an Òbain.

Às dèidh dhaibh a bhith air thoiseach air càch aig deas anns na 90an, bha aca ri coimhead is an Cupa Ceilteach a' tilleadh a dh'Inbhir Aora cho tric tro na 00an is gun robh e cha mhòr a' fuireach os cionn cagailt MhicCailein Mhòir.

Linn

Nuair a chaidh ginealach òir Inbhir Aora an uairsin ma sgaoil, thàinig sgioba air leth am bàrr à Caol Bhòid is fhuair an Cupa Ceilteach dachaigh ùr ann an Taigh na Bruaich.

Abair gun do chòrd e ri sgioba an Òbain an làmhan fhaighinn air a' chupa às ùr an 2018 ma-thà, is thàinig gealladh bhuapa gun robh linn ùr a' tòiseachadh.

Bliadhna bhon uairsin is a-nise fo stiùir Steafan Sloss is Kenny Wotherspoon, tha comharran ann gu bheil an cluba dha-rìribh a' togail air soirbheachas 2018.

Tha iad a' dol a-steach dhan chuairt dheireannaich san treas àite sa Phrìomh Lìog agus air sreath iongantach de naoi geamaichean a bhuannachadh an sreath.

A bharrachd air sin, bha a dhà dhiubh an aghaidh Chaoil Bhòid air a' mhìos seo fhèin. B' e 2-0 a bh' ann dhan Òban an dà chuid ann an Cupa MhicAmhlaidh agus sa Phrìomh Lìog.

Image copyright SNS
Image caption Bhuannaich Dunky Kerr an cupa grunn thursan mar chluicheadair, is e a-nise 'son a thogail mar mhanaidsear.

Thèid Camanachd an Òbain a-steach dhan gheama làn misneachd.

Chan e sin e buileach do Chaol Bhòid.

Às dèidh dhaibh an seusan a thòiseachadh gu math is iad fhèin a' dol naoi geamaichean gun call, tha sgioba Thaigh na Bruaich air trì a chall an sreath.

Tha Cupa MhicAmhlaidh caillte mar-thà, is tha iad air tuiteam air ais beagan san lìog.

Eadar a' chuairt dheireannach Disathairne is an uairsin geama le Ceann a' Ghiuthsaich an ath-sheachdain an Cupa na Camanachd, tha seusan Chaoil Bhòid air ìre fìor chudromach a ruighinn.

Eachdraidh

A' chiad dùbhlan, dh'fhaodadh tu a ràdh, bho chaidh Dunky Kerr na mhanaidsear aig toiseach an t-seusain.

Bidh iad às aonais Robbie MhicLeòid Disathairne is e air a chasg, ach tha cothrom aig Pòl MacArtair beagan eachdraidh a dhèanamh.

Tha MacArtair mar-thà air a h-uile duais a b' urrainn dha a bhuannachadh le Baile Ùr an t-Slèibh. Às dèidh dha gluasad gu Caol Bhòid, faodaidh e a-nise crìoch a chur air a' chruinneachadh aige leis a' Chupa Cheilteach.

Geama inntinneach san amharc ann an Taigh an Uillt.

Tòisichidh gnothaichean aig 4:00f is mura h-eil cothrom agaibh a bhith ann, chìthear an geama beò air BBC ALBA.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile