Eachdraidh air a dèanamh air Loch Nis

Jock Wishart is an sgioba aige. Image copyright Jock Wishart

Chaidh an t-àm as luaithe riamh a chlàradh airson a bhith ag iomradh Loch Nis.

Bha Jock Wishart à Dùn Phris air ceann sgioba de 13 duine a dh'iomair à Durais gu Cille Chuimein - astar de 21 mhìle.

Rinn iad a' chùis air an dùbhlan ann an dà uair, 26 mionaidean agus 57 diog.

Bha iad mionaid agus dusan diog fon àm a b' fheàrr a chaidh a chlàradh ron seo.

Chaidh sin a stèidheachadh le Peter Haining agus George Parsonage ann an 1993.

Toileachas

Rinn Jock Wishart moladh air an sgioba aige.

"Tha mi air mo dhòigh buileach glan àm a bh' ann cho fada a bhriseadh," thuirt Jock.

"Bha an criutha air leth. Chleachd iad an cumhachd agus an spàirn airson seo a dhèanamh is tha mi an amharas gun seas an t-àm a stèidhich iad fad deagh ghreis," thuirt e.

Dh'innis Jock gun robh an sgioba an dòchas gum biodh a' ghaoth air an cùl fad na slighe, ach nach d' fhuair iad buannachd às a sin ach san dàrna leth den dùbhlan.