Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

27 An t-Ogmhìos 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bàs Bhoireannaich

Tha poilis ann an Lodainn an Iar a' rannsachadh bàs bhoireannaich a chaidh a lorg agus i air a droch ghoirteachadh ann an càr a bh' air a dhol na theine. Bha am boireannach, a bha 47, air a droch losgadh, agus bha i cuideachd air lot fhulang mun cheann. Tha fireannach, 47, a bha sa chàr còmhla rithe a' faighinn cùraim san ospadal. Thuirt oifigearan gu bheil iad amharasach mu mar a fhuair i bàs.

Angela Merkel

Tha ceistean às ùr air nochdadh mu shlàinte Sheansalair na Gearmailt, Angela Merkel, às dèidh dhi a bhith air chrith aig tachartas oifigeil ann am Berlin. Tha an oifis aice ag ràdh gu bheil i gu math, ach thachair an aon rud dhi aig cuirm air an t-seachdain seo chaidh. Aig an àm choirich i an teas, agus i ag ràdh gun do dh'fhàs i fann seach nach robh i air uisge gu leòr òl.

Slàinte-Inntinne

Thuirt buidheann charthannais nach eil grunn dhaoine òga fhathast a' faighinn a' chuideachaidh a tha a dhìth orra bho Sheirbheis Slàinte-Inntinne na h-Alba. Sin bliadhna às dèidh dhan Riaghaltas gealltainn piseach a thoirt air an t-siostam. Tha Comann Slàinte-Inntinne na h-Alba a-niste ag iarraidh air ministearan na geallaidhean aca a coileanadh. Thuirt Àrd-Oifigear Meadaigeach na h-Alba, Catherine Calderwood, gu bheil iomairt a' leantainn airson 800 luchd-obrach ùr fhastadh airson coinneachadh ris an iarrtas, le dùil gum bi co-dhiù 50 ann an dreuchd ro dheireadh na bliadhna.

Corp

Thòisich rannsachadh poilis ann an Dùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh às dèidh mar a chaidh corp a lorg ann an allt ann an Dal Beithich. Fhuaireas an corp an-diugh sa mhadainn faisg air meadhan a' bhaile.

Brexit

Thuirt Boris Johnson, nam biodh esan na Phrìomhaire, gum feumadh a h-uile ball den Chaibineat aige aontachadh ro làimh gum fàgadh an Rìoghachd Aonaichte an EU air an là mu dheireadh den Damhair - aonta Bhrexit ann no às. Dh'innis e dhan làraich-lìn Conservative Home ge-tà, nach robh cunnart mòr sam bith ann gur e sin a thachradh. Tha an tagraiche eile airson ceannas nan Tòraidhean, Jeremy Hunt, cuideachd air innse gum biodh esan e fhèin deònach fàgail gun aonta.

Na Làbaraich

Agus tha am Morair Falconer, a bha roimhe na Mhorair Sheansalair, air ceist a thogail mu cho-dhùnadh a' Phàrtaidh Làbaraich am Ball-Pàrlamaid Chris Williamson a leigeil air ais dhan phàrtaidh. Chaidh a chasg rè ùine airson a bhith a' beachdachadh gun robh am pàrtaidh ro dhualtach a bhith a' tabhainn leisgeul 's iad a' dèiligeadh ri casaidean de ghràin Iùdhachd. Chaidh rabhadh oifigeil a thoirt dhan Bhall-Phàrlamaid airson riaghailtean Làbarach a bhriseadh. Thuirt am Morair Falconer nach robh càil a dh'fhios aige carson a chaidh leigeil le Mgr Williamson tilleadh.

Eun Mòr Uabhasach

Agus chaidh fosail a lorg anns a' Chrimea de dh'eun a bha trì tursan nas motha na ostraids. Stèidhichte air cnàmh-coise a chaidh a lorg air costa na Mara Duibhe, tha eòlaichean a' dèanamh dheth gun robh an creutair cha mhòr 15 troighean de dh'àirde, agus gun robh 70 clach de chuideam ann. Tha dùil gur e seo an t-eun as motha riamh a chaidh a lorg anns an leth-chruinn a tuath.