Truailleadh air a lorg an Dùn Rath

Ionad Dhùn Rath Image copyright DSRL
Image caption Ionad Dhùn Rath ann an Gallaibh

Chaidh stad a chur air obair ann am pàirt de làrach Dhun Rath às dèidh mar a fhuairear ìre de thruailleadh rèidio-beò ann.

Rinn neach-obrach aithris air na fhuair iad aig an ionad faisg air Inbhir-Theòrsa air an 7mh là den Òg-mhios.

Thuirt Companaidh Ath-Leasachaidh Làrach Dhùn Rath gun robh an neach còmdaichte le aodach dionach aig an am agus gun robh iad a-nis air tilleadh a dh'obair.

Thuirt iad cuideachd nach robh cunnart ann do luchd-obrach eile, no dhan phoball, agus gun deach a chomharrachadh aig ìre 'neoini', an ìre as ìsle air Clàr-Tomhais Tachartasan Niùclasach Eadar-Nàiseanta.

Chaidh innse do riaghladair a'ghniomhachais, an Oifis airson Riaghladh Niùclach.

Làrach

"Airson a bhith sàbhailte chur sinn stad air an obair san àite sa bhad agus chaidh rannsachadh a thòiseachadh", thuirt Companaidh Ath-Leasachaidh Làrach Dhùn Rath.

"Cha deach sian a leigeil ma sgaoil dhan àrainneachd", thuirt e.

Thathar ag obair air an làrach far am b' àbhaist do dh' ionad na Rioghachd Aonaichte airson rannsachadh agus leasachadh readhactor niùclasach, a dhì-choimisionadh, agus an talamh mun cuairt air a' chlìoradh.

Tha dùil gun ruig iad ìre de chriochnachaidh eadar 2030 agus 2033 ach a-rèir an fheadhainn a tha a' stìuireadh Dhùn Rath bidh 300 bliadhna ann mus bi an làrach sàbhailte airson a chosg airson sian sam bith eile.