Fear a bhàsaich air an Teallach air ainmeachadh

Image copyright Hill Walker/Geograph
Image caption Thachair an tubaist air an Teallach.

Chaidh fear a bhàsaich às dèidh dha tuiteam is e a' coiseachd air Taobh Siar Rois ainmeachadh mar Raghnall Garwood.

Bha e a' coiseachd air Sgurr Fiona Didòmhnaich nuair a thuit e.

B' ann à Drochaid Ruaidh a bha Mgr Garwood, 70.

Chuir fear eile a bha a' coiseachd san sgìre fios air na seirbhisean èiginn aig an àm agus thàinig taic bho Sgioba Teasairginn Dùn Dòmhnaill agus Maor-Chladaich Inbhir Nis.

Thuirt Poileas Alba nach eil dad amharasach mun chùis agus gun deach aithisg a chur gu Neach-casaid a' Chrùin.