Taic ga sireadh a thaobh bhana sa Ghearasdan

Tha Poileas Alba a' sireadh taic an t-sluaigh le bhana a chunnacas sa Ghearasdan Diluain a lorg.

Thuirt iad gur e carbad Volkswagen Transporter a th' ann.

Tha e geal le bonaid dhubh.

Tha cruth W geal air a' bhonaid.

Chaidh an carbad fhaicinn ann an sgìre Rathad Alma eadar 4:00f is 5:00f Diluain an 24mh den Ògmhìos.

"Tha sinn a' sireadh a' bhana seo is tha sinn 'son bruidhinn ris an dràibhear. Dh'fhaodadh fiosrachadh a bhith aca a bhiodh na chuideachadh dhuinn le rannsachadh," thuirt am PC Raibeart Moireasdan bho Phoileas Alba.

"Bu mhath leinn bruidhinn ri duine sam bith a chunnaic an carbad seo san sgìre aig an àm," thuirt e.

Bu chòir do dhuine sam bith le fiosrachadh fònadh gu Poileas Alba air 101 is àireamh 2774 25/6/19 a thoirt seachd, no a dhol a Stèisean Poilis a' Ghearasdain is àireamh NP/1834/19 a thoirt seachad.