Taic 'son Achd na Gàidhlig a neartachadh

Pàrlamaid na h-Alba Image copyright Pàrlamaid na h-Alba

Thuirt fear a bha roimhe os cionn Bhòrd na Gàidhlig gu bheil feum a-nis air Achd na Gàidhlig a neartachadh.

Bha Ailean Caimbeul an sàs gu mòr san obair choiteachaidh airson na h-Achd ann an 2005.

Bha an Achd am measg nam prìomh nithean a rinn Pàrlamaid na h-Alba dhan Ghàidhlig, is 20 bliadhna bho chaidh a' Phàrlamaid a stèidheachadh ga chòmharrachadh an-dràsta.

Anns na seachdainean mu dheireadh, tha a' bhuidheann-iomairt Misneachd air achd ùr iarraidh 'son na Gàidhlig is coimiseanair cànain na cois, am measg eile.

"Bruadar"

Dh'innis Mgr Caimbeul gun robhas ag aithneachadh bho thùs nach robh an Achd cho làidir 's a bha iomadh duine ag iarraidh.

Thuirt e ge-tà, bheil Achd na Gàidhlig air feum a dhèanamh.

"Bidh mi fhìn aig amannan, saoilidh mi gur e seòrsa de bhruadar a th' ann nuair a bhios mi a' siubhail 's dòcha rathad ann an ceann a deas Shasainn agus chì mi carabadan le buidheanan poblach agus Gàidhlig sgrìobhte air a' chliathaich aca agus gun duine a' saoilsinn sian dheth," thuirt e.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Agallamh le Ailean Caimbeul.

Dh'innis Mgr Caimbeul gu bheil e den bheachd nach e achd ùr a tha a dhìth, ach gu bheil an t-àm ann Achd na Gàidhlig a neartachadh.

"Tha mi a' smaoineachadh gur e neartachadh no an dàrna ceum den chiad achd (a tha a dhìth).

"Aig coinneimh thar-phàrtaidh sa Phàrlamaid bho chionn seachdain air ais, bha Rob Dunbar a' bruidhinn air gluasadan sa Chuimrigh agus ann an Èirinn far a bheileas a' tòiseachadh air cur air adhart argamaid airson is gum biodh bun-ìre ann airson ìre neart cànain anns na seirbheisean a gheibhear bho na planaichean nàiseanta.

Neart

"Tha mi a' smaoineachadh gur e deagh ghluasad a tha sin mar eisimpleir is cha leigeadh tu a leas achd airson sin, chan eil ann ach dìreach gu bheil thu a' neartachadh rudeigin a th' ann mar-thà," thuirt e.

Dh'innis Mgr Caimbeul cuideachd ged a tha feum ann an reachdas, gu bheil e gu ìre mhòir an urra ris na daoine fhèin suidheachadh na Gàidhlig a leasachadh.

"Chan eil duine a' cur bacadh oirnn a bhith a' bruidhinn na Gàidhlig. Agus chan eil duine a' cur bacadh oirnn a bhith moiteil aiste, neo bhith ga toirt dha ar cuid cloinne.

"Tha an t-uabhas den fhreagairt air cor na Gàidhlig aig na Gàidheil fhèin, gun teagamh sam bith," thuirt e.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Agallamh le ceannard Bhòrd na Gàidhlig, Shona Niclllinnein.

Thuirt ceannard Bhòrd na Gàidhlig san là a th' ann gur e "pròiseas àbhaisteach" a th' ann gun tèid togail air achdan pàrlamaid tro ùine.

Dh'innis Shona Niclllinnein gu bheil am Bòrd airson is gum bi seirbheisean ann dha na Gàidheil is cothroman aca an cànan a chleachdadh ann an diofar shuidheachaidhean, agus inbhe nas làidire aig a' Ghàidhlig.

Thuirt i ge-tà, gur e prìomhachas a' Bhùird aig an ìre seo gu bheil Achd na Gàidhlig mar a tha e ga cur an sàs.

Tha Misneachd air togail gu mòr air cho cudromach 's a tha e gun tèid suidheachadh na Gàidhlig anns na h-Eileanan a neartachadh.

Ro-innleachdan

Dh'innis Shona Niclllinnein gu bheil am Bòrd gu math mothachail mun sin.

"A' dol air ais dhan Phlana Nàiseanta, bha teachdaireachd gu math soilleir ann gu bheil ro-innleachdan eadar-dhealaichte a dhìth airson choimhearsnachdan eadar-dhealaichte," thuirt i.

"Anns a' phlana tha aithne ann gu bheil ro-innleachdan eadar-dhealaichte a dhìth airson nan coimhearsnachdan far a bheil Gàidhlig fhathast làidir agus air a bruidhinn bho là gu là.

"Tha obair ri dhèanamh airson neartachadh sin, ach cuideachd gu bheil sinn mothachail gu bheil feumalachdan eadar-dhealaichte aig na coimhearsnachdan sin, seach na coimhearsnachdan anns na bailtean mòra," thuirt i.