Arnish
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Luchd-obrach a' trèanadh aig Àranais

26 An t-Ogmhìos 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Thòisich Gàrradh Àranais a' trèanadh barrachd luchd-obrach, a' toirt an àireamh a tha ag obair aig an làraich suas gu ceud. Tha luchd-obrach air a bhith a' faighinn an trèanaidh ann an Colaiste a' Chaisteal, agus tha dòchas ann gun tig an tuilleadh ma gheibh an gàrradh cùmhnantan ùra. Tha a' chompanaidh DF Barnes, leis a bheil an làrach, dòchasach gum faigh iad tuilleadh obrach ro dheireadh an t-samhraidh, a chumas an luchd-obrach a th'aca sa ghàrradh còmhla.