Dàil air trèanaichean ùra mu thuath

Caledonian Sleeper Image copyright PA

Cuiridh a' chompanaidh rèile, Caledonian Sleeper, dàil air a bhith a' cur trèanaichean ùra air na seirbheisean aca air a' Ghàidhealtachd.

Dh'innis a' chompanaidh gu bheil iad feumach air na trèanaichean air pàirt eile den lìonra.

Bha dùil gun deadh na h-ochd carbadan ùra a chur air na seirbheisean eadar Lunnainn agus Inbhir Nis, an Gearasdan agus Obar Dheathain anns na seachdainean ri tighinn.

Tha a' chompanaidh a-niste ag ràdh gu bheil e nas coltaiche nach tachair sin chun na Sultaine, 's iad gu bhith gan cleachdadh air seirbheisean eadar Lunnainn agus meadhan na h-Alba, a th' air a bhith air leth trang.

"Seasmhachd"

"'S e briseadh-dùil a th' ann ach 's e an co-dhùnadh ceart a tha seo," thuirt Ryan Flaherty bho Serco, a tha a' ruith Caledonian Sleeper.

"Leigidh seo leinn piseach a thoirt air neart agus seasmhachd na loidhne aig deas, agus aig an dearbh àm loidhne na Gàidhealtachd a chumail aig ìre," thuirt e.

Dh'innis Caledonian Sleeper gum faigh daoine a tha air àite a chur air dòigh air fear de na carbadan ùra air a' Ghàidhealtachd an t-airgead a bharrachd a phàigh iad air ais, an t-airgead aca air fad air neo cothrom an turas a dhèanamh uaireigin eile.

Thuirt Còmhdail Alba gur e briseadh-dùil mòr a tha anns an naidheachd.

Thuirt iad gu bheil iad a' gabhail ris gu bheil dùbhlain an cois trèanaichean ùra a chur an sàs, ach nach eil an suidheachadh a th' ann sa chùis seo idir math gu leòr.