Fèill mhòr air turas Ròcabarra

Ròcabarra Image copyright Alamy

Tha seann sgeulachd ann mu fhear à Ròcabarra a chaidh air chall na bhàta.

Thàinig e air tìr air eilean air choireigin air taobh siar na h-Alba is sin far an do dh'fhuirich e.

Mu dheireadh thall is e na bhodach agus dall, thill mic a' bhodaich - a bha nan iasgairean - dhachaigh thuige le iasg àraid.

Às dèidh dha an ceasnachadh mu dheidhinn, dh'iarr am bodach air na balaich a thoirt dhan àite far an do ghlac iad an t-iasg a bha seo.

'S e sin a rinn iad, is 's e sin a dh'fhàg gun d' fhuair bodach Ròcabarra mu dheireadh thall air ais dhan chreig.

A rèir na sgeulachd, chuir e na balaich dhachaigh is dh'fhuirich e fhèin ann an eilean òige.

Tha luchd-poileataigs às Alba is Èirinn air a bhith a' cur dragh air a' bhodach anns na seachdainean mu dheireadh is iad ag argamaid mu chòirichean iasgaich mun cuairt air Ròcabarra.

A-nise tha e coltach gu bheil luchd-tadhail eile gu bhith aige.

Fèill

Tha a' chompanaidh siubhail Lupine Travel ann an Sasainn a' tabhainn "tursan buidseit gu cinn-ùidhe neo-àbhaisteach" mar Choirea a Tuath, Ioran, is Chernobyl.

Neo-àbhaisteach, an tuirt thu?

Dh'innis a' chompanaidh nach b' urrainn dhaibh creidsinn cho luath 's a dh'fhalbh na ticeadan airson turas a chuir iad air dòigh a Ròcabarra.

"Bha dùil againn gum biodh ùidh aig daoine ann, ach dh'fhalbh na ticeadan ann an seachdain," dh'innis Seumas Finnerty bhon chompanaidh dhan phàipear-naidheachd an Times.

Sin a dh'aindeoin is gun robh prìs nach bu bheag air na ticeadan (cha do ràinig RET Ròcabarra fhathast).

Bidh taic ann bho fhear a bha thall 's a chunnaic, is Nick Hancock, a chuir 45 là seachad air Ròcabarra ann an 2014, gu bhith na fhear-iùil.

'S iongantach mura h-eil Nick còir glè eòlach air bodach Ròcabarra.

Falbhaidh turas Ròcabarra sa Chèitean 2020, a' tadhal air Hiort air an t-slighe.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile