Fèill mhòr air turas Ròcabarra

Ròcabarra Image copyright Alamy

'Thalla a Hiort'.

'S beag fios a bh' aig daoine a chanadh an leithid bho shean gun tigeadh là nuair a bhiodh fèill fìor mhòr air an dearbh rud a dhèanamh.

Thàinig ge-tà, is grunn chompanaidhean a' tabhainn ticeadan (nach eil ro shaor is gun RET idir orra) 'son cuairt mara a Hiort.

A rèir choltais, tha turas fiù 's nas fhaide dhan iar a-nise san amharc aig cuid is cothrom air nochdadh tadhal air Ròcabarra.

Creag sa Chuan Siar, còrr is 250 mìle an iar air na h-Eileanan an Iar, a tha air a bhith anns na naidheachdan bho chionn ghoirid a thaobh eas-aonta eadar Alba is Èirinn mu chòirichean iasgaich.

Taic

Tha a' chompanaidh siubhail Lupine Travel ann an Sasainn a' tabhainn "tursan buidseit gu cinn-ùidhe neo-àbhaisteach" mar Choirea a Tuath, Ioran, is Chernobyl.

Dh'innis iad nach b' urrainn dhaibh creidsinn cho luath 's a dh'fhalbh na ticeadan airson turas a chuir iad air dòigh gu Ròcabarra.

"Bha dùil againn gum biodh ùidh aig daoine ann, ach dh'fhalbh na ticeadan ann an seachdain," dh'innis Seumas Finnerty bhon chompanaidh dhan phàipear-naidheachd an Times.

Bidh taic ann bho fhear a bha thall 's a chunnaic, is Nick Hancock, a chuir 45 là seachad air Ròcabarra ann an 2014, gu bhith na fhear-iùil.

Falbhaidh turas Rocabarra sa Chèitean 2020, a' tadhal air Hiort air an t-slighe.

Tha a' chompanaidh air innse mar-thà gu bheil barrachd thursan san amharc aca.

Tuilleadh air an sgeulachd seo