Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

26 An t-Ogmhìos 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cogadh nan Reoiteagan

Chaidh a dhearbhadh gun do chaochail Tòmas "TC" Caimbeul, fear den fheadhainn a fhuair am prìosan ann an co-cheangal ri Cogadh nan Reoiteagan ann an Glaschu anns na h-80an. Tha e air a thuigsinn gun do dh'eug Mgr Caimbeul, a bha 66, na dhachaigh ann an ceann a deas Earra-Ghàidheal. Chuir Mgr Caimbeul agus Joe Steele seachad 18 bliadhna anns a' phrìosan mus do shoirbhich tagradh laghail o chionn 15 bliadhna. Bha a' chùirt air an dìteadh air casaidean gun do mhuirt iad còignear de bhuill an teaghlaich Doyle, ann an eas-aonta mu bhith a' ruith bhanaichean reoiteagan a bha cuideachd gan cleachdadh airson a bhith a' creic dhrogaichean mì-laghail.

Essex

Tha eagal air oifigich slàinte ann an Essex gum bàsaich barrachd dhaoine le galar baictiridheach a tha ma sgaoil san sgìre. Nochd an galar, Invasive Streptococcus A, ann am Braintree anns an Fhaoilleach, agus tha e a-niste air sgapadh gu Chelmsford agus Maldon. Gu ruige seo tha e air dusan euslainteach aosta a mharbhadh, le 30 cùisean eile gan toirt gu aire an NHS. Tha Seirbheis Slàinte Essex ag ràdh gu bheil iad a' dèanamh a h-uile càil as urrainn dhaibh gus a' choimhearsnachd a dhìon, agus iad air dearbhaidhean meadaigeach a dhèanamh air na ceudan dhaoine ann an oidhirp smachd fhaghinn air a' ghalar.

Brexit

Chaidh Rùnaire na Malairt Eadar-Nàiseanta às àicheadh bhriathran Bhoris Johnson gum faodadh an Rìoghachd Aonaichte leantail oirre a' creic ris an EU gun a bhith a' pàigheadh taraifean fiù 's nam fàgadh i gun aonta Bhrexit. Tha an Dr Liam Fox, a tha a' cur taic ri Jeremy Hunt airson ceannas nan Tòraidhean, ag ràdh nach tachradh an leithid às aonais cead bhon Bhruiseil, agus nach robh càil de dhòchas ann gun aontaicheadh a' Bhruiseil an cead sin a thoirt seachad.

Cion-Dachaigh

Dh'innis cha mhòr 3,000 neach do luchd-rannsachaidh gum b' fheudar dhaibh cadal a-muigh seach nach robh àite-fuirich aca. Tha na h-àireamhan airson na bliadhna gu ruige deireadh a' Mhàirt a' nochdadh ann an aithisg oifigeil a chaidh fhoillseachadh an-diugh. Chaidh faisg air 30,000 tagradh cuideachaidh a mheasadh mar "gun dachaigh" no "ann an cunnart a bhith gun dachaigh" - sin àrdachadh de 2% air a' bhliadhna ron sin. Tha an aithisg cuideachd a' sealltainn gun robh 11,000 teaghlach ann an dachannan eadar-amail.

Na Stàitean Aonaichte

Dh'aontaich Taigh nan Riochdairean ri iomairt chùraim fiach $4.5bn airson cuideachadh a thoirt do dh'in-imrichean a tha a' tighinn thairis air a' chrìch le Meagsago. Tha seo a' tighinn às dèidh do ghrunn in-imrichean bàsachadh a' feuchainn ri fhaighinn a-steach dha na Stàitean Aonaichte, agus mar a fhuaireas clann gan cumail ann an togalaichean salach aig ionad tèarainteachd ann an Teagsas. Tha dùil gum feuch na Poblachdaich ri stad a chur air a' bhile nuair a thèid a chur mu choinneimh an t-Seanaidh.

Ròbotan

Agus a rèir aithisg ùir dh'fhaodadh gum bi ròbotan air na h-obraichean aig 20m neach air feadh an t-Saoghail a ghabhail thairis ann an ceann deich bliadhna. Tha a' bhuidheann chomhairleachaidh Oxford Economics ag ràdh gum brosnaicheadh seo fàs eaconomach, ach tha iad a' toirt rabhaidh gur iad daoine aig nach eil cus sgilean, agus a tha a' fuireach taobh a-muigh ear-dheas Shasainn, as motha a dh'fhulaingeas.