Taic airson dèiligeadh le geòidh nan Eilean

Geòidh-ghlasa ann an Arcaibh Image copyright SNH Lorne Gill

Faodar barrachd feòil gheòidh a chreic anns an h-Eileanan an Iar agus an Arcaibh, agus bidh barrachd taic-airgid ri fhaotainn airson dèiligeadh leotha.

Tha Dualchas Nàdair na h-Alba (SNH) a' leudachadh na sgeama taice aca airson nan eun às dèidh phròiseactan pìleat a chaidh a ruith ann an Colla, Tiriodh, Uibhist, Leòdhas, na Hearradh agus an Arcaibh.

'S e amas nan sgeamaichean a chaidh a ruith thuige seo a bhith a' lùghdachadh àireamhan nan gèadh anns na coimhearsnachdan far an robh an leithid dhiubh is gun robh iad a' dèanamh droch mhilleadh air bàrr. Chaidh feuchainn air an fheòil a chreic gu h-ionadail cuideachd.

Dhearbh na sgeamaichean gun tig call air àireamhan nan gèadh gun mòran diofar a dhèanamh air na th' ann dhiubh uile gu lèir. Chan eil dìon sònraichte ann dha na geòidh, oir chan eil na h-àireamhan dhiubh ann an cunnart sam bith.

Dubhlan

"Tha geòidh fhiadhaich nam pàirt cudromach de nàdair na h-Alba, ach tha an àireamh dhiubh air a dhol am mheud cho luath is gu bheil iad nan dùbhlan do chroitearan is do thuathanaich," thuirt Stiùiriche SNH airson Daoine is Nàdair, Sally Thomas.

"Tha sinn a' tuigsinn gu bheil e fhathast na dhragh ann an cuid de sgìrean.

"'S e ar n-amas a bhith a' toirt cothrom do thuathanaich is do chroitearan dìon a dhèanamh air an cuid bàrr le bhith a' toirt cead dhaibh àireamhan nan gèadh a stiùireadh tro a bhith gam marbhadh, no tro smachd sam bith eile, agus ma dh'fhaoidhte cuideachd an fheòil a chreic airson prothaid," thuirt i.

Tha na sgeamaichean pìleat a-nis gus a bhith a' ruith gu ceann na bliadhna seo.

Taic

Bidh taic-airgid ann a chuidicheas buidhnean ionadail le bhith a' tighinn suas le planaichean gnothachais airson airgead a dhèanamh tro bhith a' creic feòil nan gèadh-glasa.

Tha SNH, agus buidhnean stiùiridh ionadail nan gèadh, cuideachd a' coimhead air dòighean eile dèiligeadh leotha, leithid a bhith sùbailte ann a bhith a' toirt cead a bharrachd airson am marbhadh.

Chosg na sgeamaichean pìleat mu £350,000 thairis air còig bliadhna, agus chaidh £70,000 a chur ris an t-suim seo gu ruige a' Mhàirt 2019.

Tha SNH a-nis a' tabhainn suim de £38,000 airson taic a chur ris na h-iomairtean.