Sgoil Iomain eile san amharc

Iomain

Tha e air tighinn am bàrr gun tèid sgoil iomain a stèidheachadh san Òban am-bliadhna.

'S e sgeama a tha seo a dh'fhoillisich Comann na Camanachd an-uiridh nuair a chaidh a' chiad sgoil iomain a chur air dòigh ann am Bàideanach.

'S e co-bhanntachd a th' ann eadar Comann na Camanachd is Àrd-Sgoil Cheann a' Ghiuthsaich, le taic bho na clubaichean ionadail ann an Ceann a' Ghiuthsaich is Baile Ùr an t-Slèibh.

Fon sgeama, tha sgoilearan a' faighinn cothrom na sgilean is tuigse aca mun iomain a leasachadh.

Stiùireadh

Tha stiùireadh ann a thaobh mar a bu chòir dhaibh ullachadh airson spòrs a chluich, is cothroman trèanaidh ann tron sgeama cuideachd dha luchd-obrach na sgoile.

Tha Àrd-Sgoil an Òbain a-nise air innse gun tèid sgoil iomain a stèidheachadh ann bhon t-Sultain.

Thathas a' tuigsinn gum bi grunn chlubaichean an sàs. Tha Camanachd an Òbain, Ceilteach an Òbain, is Latharna an Òbain uile sa bhaile fhèin, is Taigh an Uillt is Gleann Urchaidh an ìre mhath faisg air làimh, is clann nan sgìrean sin a' frithealadh Àrd-Sgoil an Òbain.

Thuirt eòlaiche na h-iomain, Ùisdean Mac'illInnein, gur e ceum mòr a th' ann sgeama sgoil na h-iomain a sgaoileadh dhan cheann a deas.

Dùbhlain

Dh'innis e gum bi dùbhlain ann, ach cothrom cuideachd buannachdan mòra fhaighinn às.

'S dòcha gur e dòigh a th' ann, thuirt e, air beagan den teas a thoirt às a' chàirdeas a tha uaireannan doirbh eadar Camanachd is Ceilteach an Òbain.

Ach tha e ag ràdh gur e barrachd eòlais is cothroman cunbhalach iomain a chluich na rudan as cudromaiche a th' ann.

"'S e an rud as dorra do shaoghal na camanachd agus do dheugairean a bhith gan cumail a' dol," thuirt Ùisdean Mac'illInnein.

Cluich

"San roinn a tuath tha e tòrr nas fhasa. Bidh cluicheadairean òga anns na deugachan, bidh iad a' cluich cha mhòr dhà no trì uairean san t-seachdain.

"Chan eil sin cho furasta mu dheas agus 's e an rud a tha iad a' feuchainn ri dhèanamh leis a' ghluasad a tha seo, 's e barrachd camanachd a thoirt dhaibh.

"Barrachd eòlais a thoirt dhaibh agus barrachd cothrom cluiche nas cunbhalaiche," thuirt e.

Dh'innis Àrd-Sgoil an Òbain gun tèid barrachd fhiosrachaidh mu sgoil ùr na h-iomain a sgaoileadh san Lùnastal.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile