Co-dhùnadh nam busaichean Diciadain

Comhairle nan Eilean Siar

Nì Comhairle nan Eilean Siar co-dhùnadh Diciadain air seirbheis nam busaichean an Leòdhas agus na Hearadh 's planaichean ann cuid a ghearradh.

Chuir an t-ùghdarras romhpa roimhe crathadh a thoirt air seirbheisean còmhdhail mar phàirt den bhuidseat aca is iad ag amas air £10m a chaomhnadh.

Chuir iad sreath de roghainnean air adhart a thaobh clàr-ama nam busaichean an Leòdhas agus na Hearadh a dh'fhaodadh cosgaisean a lùghdachadh.

Nam measg, tha grunn mholaidhean gus seirbheisean a ghearradh is buaidh ann gu sònraichte air seirbheisean tron là agus às dèidh 6f.

Fhuair daoine cothrom beachdachadh air na diofar mholaidhean aig coinneamhan poblach Diluain is Dimàirt.

Thog na h-uimhir de dhaoine draghan, le cuid fiù 's ag ràdh gum faodadh na planaichean fàgail gum bi aca ri gluasad gu baile Steòrnabhaigh airson an cosnadh a chumail.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Agallamh leis a' Chomh. Tormod Dòmhnallach.

Nochd beachd cuideachd nach d'fhuair daoine cothrom ceart meòrachadh air na roghainnean a th' ann.

Dh'innis thuirt fear de chomhairlichean an Rubha, Tòrmod Dòmhnallach, gun do nochd torr bheachdan bhon phoball, is gu bheil a' Chomhairle ag èisteachd.

Thuirt e gu bheil còmhraidhean air a bhith a' dol mun chuspair seo fad ùine a-nise.

"Bho chionn dà bhliadhna air ais ais tha a h-uile duine air a bhith a' faighneachd dhuinn ciamar a tha a' Chomhairle a' pàigheadh airson nam busaichean a tha seo a' dol timcheall nan sgìrean falamh.

"Agus an-diugh tha a h-uile duine a' faighneachd dhuinn cionnas a tha a' Chomhairle a' bruidhinn mu dheidhinn gearradh sìos nam busaichean gu lèir", thuirt e.

"Anns a' mheadhan, bidh freagairt againn.

"Tòrr dhaoine an-diugh, 's e sioftaichean a tha iad ag obair agus feumaidh sinn cur busaichean orra sa mhadainn gu h-àraid 'son feadhainn a' dol a-steach a dh'obair, agus tron oidhche a' faighinn dhachaidh.

"'S dòcha ann am badeigin sa mheadhan, tron là, gum bi sinn a' gearradh sìos air na seirbheisean", thuirt e.

Dh'iarr a' Chomhairle tairgsean airson nan cùmhnantan roimhe is nì comhairlichean co-dhùnadh Diciadain.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile