Rabhadh mu bhurraidheachd san NHS

Dotair Image copyright Getty Images

Tha rabhadh a' tighinn bho àrd-dhotair gum feum Riaghaltas na h-Alba dèiligeadh ri burraidheachd ann an Seirbheis na Slàinte.

Ann an òraid am Béal Feirste Diciadain, canaidh cathraiche an BMA, an Dr Lewis Moireasdan, gu bheil an suidheachadh a th' ann a' toirt buaidh air cùram nan euslainteach.

Innsidh e gum feumar dearbhadh sa chiad dol a-mach carson a tha seo a' dol air adhart san NHS.

Tha còrr is 500 casaid de bhurraidheachd san NHS ann an Alba air nochdadh anns na còig bliadhna mu dheireadh.

Chaidh rannsachadh neo-eisimeileach fo Iain Sturrock QC a dhèanamh mu bhurraidheachd aig NHS na Gàidhealtachd.

Èisdeachd

Dh'innis na ceudan dhan rannsachadh gun robh iad air "eagal, maoidheadh agus dol a-mach mì-iomchaidh" fhulang san àite-obrach.

Anns na seachdainean mu dheireadh, tha Rhoda Ghrannd BPA air innse gun cuir i fianais mu chasaidean de bhurraidheachd aig NHS nan Eilean Siar gu Rùnaire na Slàinte.

Na òraid Diciadain, canaidh an Dr Lewis Moireasdan gum feumar an cothrom a ghabhail a-nise dèiligeadh ris an t-suidheachadh.

Am measg eile, iarraidh e gun tèid buidheann ghnìomha a stèidheachadh 'son dèiligeadh ri burraidheachd san NHS.

Image copyright Douglas Robertson
Image caption An Dr Lewis Moireasdan.

"Tha mi a' smaointinn gu bheil e follaiseach gur iad burraidheachd agus dol a-mach mì-iomchaidh na cuspairean as motha a bh' againn san NHS ann an Alba am-bliadhna", canaidh an Dr Moireasdan.

"Chan e rud ùr a tha seo, ach 's ann dìreach an-dràsta a tha e a' tighinn am bàrr.

"Feumaidh sinn dèanamh cinnteach gu bheil e comasach do luchd-obrach na slàinte a dhol a dh'obair gun eagal orra, is fios aca gun tèid èisteachd riutha, is gun tèid dèiligeadh ri draghan sam bith a th' aca.

"Feumaidh dòigh a bhith againn air an NHS a mheasadh, ach feumaidh sinn cur às do chultar de chiont stèidhichte air rudan mar liostaichean feitheamh nach gabh coileanadh", canaidh e.

Taic

Thuirt fear-labhairt bho Riaghaltas na h-Alba gu bheil dùil aca gun dèan bùird NHS a h-uile dad as urrainn dhaibh airson cur às do bhurraidheachd san àite-obrach.

Thuirt e gun robh Rùnaire na Slàinte air ceumanan fhoillseachadh 'son dèiligeadh ri burraidheachd mar phàirt de fhreagairt an Riaghaltais dha aithisg Sturrock.

Nam measg, tha buidheann ghìomha fo stiùir mhinistearan a bhios a' coimhead air mar as urrainn taic a chumail ri luchd-obrach na slàinte.

Thuirt e gun obraich an Riaghaltas còmhla ri BMA na h-Alba air a' chùis.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile