Fianais ga togail mu luchd-taic sgoiltean

Taobh a-muigh oifis na Comhairle ann an Inbhir Nis

Bidh grunn dhaoine a' togail fianais taobh a-muigh oifisean Chomhairle na Gàidhealtachd Diardaoin ri linn atharrachaidhean le luchd-taic sgoiltean.

Thòisich Comhairle na Gàidhealtachd air prògram fad trì bliadhna airson lùghdachadh a thoirt air an àireamh de luchd-obrach ASN - iadsan a bhios ag obair gu dlùth le cloinn aig a bheil feumalachdan sònraichte - agus luchd-obrach PSA, a bhios a' toirt taic a bharrachd do sgoilearan sa chumantas.

Thuirt a' Chomhairle gun leanadh taic iomchaidh do chloinn a tha feumach air.

Tha a' Chomhairle air aontachadh mar thà sàbhaladh de £3.857m airson na bliadhna seo air luchd-taic ASN, cuid dheth sin le bhith a' cur às do dh'obraichean a bha falamh is a' feitheamh an lìonadh, agus cuid le luchd-taic sgoilearan a' leigeil dhiubh an dreuchdan.

Thèid sàbhalaidhean a dhèanamh cuideachd le luchd-taic PSA anns an aon dòigh.

Dragh

Ach tha clann, pàrantan agus luchd-cùraim draghail gun caill cuid de chloinn an taic a tha a dhìth orra, agus mun bhuaidh a bheir e air cloinn-sgoile air fad.

Ged a tha a' Chomhairle ag ràdh gun tèid a dhèanamh ann an dòigh a tha cothromach thairis air na sgoiltean air fad, tha iomagain air pàrantan mun bhuaidh a bhios aige, gu h-àraid ann an sgoiltean far a bheil fhios gu bheil luchd-taic a' fàgail agus nach eilear a' cur duine nan àite.

Tha a' bhuidheann "Highland Action Group for ASN and Education" a' dol a dhèanamh taisbeanaidh taobh a-muigh oifisein na Comhairle ann an Inbhir Nis, sa Ghearasdan, an Goillspidh, Ulapul agus Inbhir Ùige air an 27mh là den Ògmhios mus bi coinneamh na Comhairle a' gabhail àite.

Cudromach

Thuirt an t-ùghdarras gun robh iad ag obair gu dlùth le luchd-obrach, aonaidhean agus pàrantan a thaobh a bhith a' dèanamh nan atharrachaidhean seo.

"Tha e cudromach gum bi seirbheis againn a bhios sùbailte agus freagarrach agus a nì am feum as fheàrr de na goireasan a th' againn," thuirt neach-labhairt airson na Comhairle.

"Cumaidh sinn oirnn a' toirt taic dhan chloinn aig a bheil feumalachdan sònraichte anns na sgoiltean againn," thuirt iad.

Tha a' Chomhairle a' cur taic luach £35m ri feumalachdan ASN na bliadhna sgoile seo (2019-20).