Airgead dha na Mòintichean

Boglach Mònach an Gallaibh is Cataibh

Tha maoin ùr airgid luach £11m air fhoillseachadh airson dìon a chur air talamh mòintich na h-Alba.

Tha talamh mòintich na h-Alba a' glèidheadh mu 1,600m tonna de chàrbon, agus ann a bhith a' strì an aghaidh bhlàthachadh na Cruinne tha iad fior chudromach.

Dh'aontaich Riaghaltas na h-Alba gun robh iad a' toirt £11m a bharrachd do phròiseactan a tha a' toirt taice do sgìrean mòintich - airson an càradh agus airson an dìon.

Seo as dèidh £3m a chaidh aontachadh na bu traithe air a' bhliadhna.

Crìonadh

Thèid obair-càraidh a dhèanamh ann an àitean far an robh coilltearachd coimeirsealta a' gabhail àite, agus bithear a' stopadh dhrèanaichean agus dhìgeannan airson talamh mòintich a chaidh a dhrèanadh a dhèanamh fliuch a-rithist.

"Nan leigte ma sgaoil an C02 a tha sna mòintichean againn an Alba air fad bhiodh seo a' ciallachadh gum biodh còrr is 120 bliadhna de dh'eimeiseanan na dùthcha air an cruthachadh aig an aon àm," thuirt Rùnaire na h-Àrainneachd, Roseanna Choineagan.

"Chan urrainn dhuinn mìneachadh làidir gu lèor a thoirt air a' bhuaidh a bhiodh aig crìonadh nan sgìrean seo air blàthachadh na Cruinne - gu h-àraid an seo an Alba far a bheil mu chairteal na dùthcha air a chòmhdachadh le talamh mòintich," thuirt i.

Rinn Dualchas Nàdair na h-Alba gàirdeachais ris an naidheachd.

Nàdar

"Tha grunn bhuannachdan aig mòinteach fhallain do dhaoine agus do nàdar," thuirt àrd-oifigear na buidhne, Francesca Osowska.

"Tha fuasglaidhean nàdarra - mar am prògram againn airson na stòran càrboin anns a' mhòintich a ghlèidheadh - nam bunaid airson a bhith a' faighinn fuasglaidh do shuidheachadh na ghnàth-shìde," thuirt i.

Bho 2012 tha am pròiseact aca 'Peatland Action' air obrachadh còmhla ri buidhnean eile airson suas ri 47,000 acair de thalamh mhòintich a chàradh.

'S ann an Gallaibh is Cataibh, far a bheil am boglach mònach as motha san Roinn Eòrpa, a tha cuid den obair seo a' dol air adhart.

An seo tha còrr is 400,000 acaire de bhoglach mhònach, lochan is puill mhònach, a tha a dha uimhir cho mòr ri Arcaibh.