Deugaire air a lorg slàn sàbhailte

Chaidh deugaire a bha a dhìth air a' Ghàidhealtachd a lorg.

Bha Poileas Alba air taic an t-sluaigh iarraidh gus lorg fhaighinn air Kristiana Zulevica, 15.

Bha i air a bhith a dhìth bho sgìre a' Ghearasdain bho oidhche Dhòmhnaich.

Dhearbh na Poilis feasgar Dimàirt gun deach a lorg slàn sàbhailte.