Cùmhnant nas fhaide airson Mullin

Josh Mullin Image copyright SNS
Image caption Josh Mullin às dèidh dha tadhal a chur sa chuairt dheireannaich de Chupa Irn-Bru.

Dh'innis Ross County gu bheil Josh Mullin air a chùmhnant ann an Inbhir Pheofharain a leudachadh.

Tha Mullin, 26, air slighe fhada a ghabhail chun na h-ìre as àirde de bhall-coise na h-Alba.

Às dèidh dha cluich aig ìre Junior 'son Pollok is Kilbirnie Ladeside, fhuair e cothrom ann an Lìog na h-Alba le Albion Rovers.

Chaidh e às an sin a Bhaile Dhùn Lèibhe mus do ghluais e a dh'Inbhir Pheofharain as t-Samhradh 2018.

Bha fìor dheagh sheusan aige le County is ceithir tadhail deug aige fhèin is làmh aige cuideachd ann an gu leòr de thadhail eile a chruthachadh.

Ùidh

Às dèidh do Chounty an dà chuid an lìog agus Cupa Irn-Bru a bhuannachadh, chaidh Mullin ainmeachadh ann an sgioba thaghte an Championship.

Bha fathanan ann gun robh clubaichean eile ga iarraidh, ach tha County a-nise air dearbhadh gu bheil Mullin air a chùmhnant a leudachadh gu deireadh seusan 2020/21.

"Tha Josh fìor chudromach dhuinn agus bha seusan air leth aige san Championship," thuirt co-mhanaidsear Chounty, Steafan Fearghasdan.

"Tha sinn glè thoilichte gum bi e còmhla rinn san dà sheusan ri tighinn, is tha Josh fhèin, mar a bu chòir, air bhioran feuchainn air a' Phrìomh Lìog," thuirt e.

Cluichidh Ross County a' chiad gheama farpaiseach aca den t-seusan ùr an aghaidh Montròis ann an Cupa na Lìge Disathairne an 13mh den Iuchar.