Briseadh-dùil do sgioba Ùige & Bheàrnaraigh

Lìon

Bha droch oidhche aig sgioba Ùige & Bheàrnaraigh air ais ann an Cupa Eilean an Fhraoich is iad a' call 8-0 an aghaidh an Rubha.

B' e geama eachdraidheil a bh' ann aig Cnoc a' Choilich is Ùig is Beàrnaraigh a' cluich san fharpais 'son a' chiad turas bho 1986.

Bha busaichean sònraichte air luchd-taic na sgioba a thoirt a Chàrlabhagh is sluagh mòr an làthair nuair a thòisich an geama.

Cha do rinn Ùig is Beàrnaraigh buileach dona sa chiad leth is iad dìreach 0-2 air deireadh aig leathach slighe, is cothroman aca fhèin gu dearbh tadhal a chur.

Thuit an taigh am broinn a chèile san dàrna leth ge-tà, is an Rubha a' frasadh nan tadhal a-steach.

Chrìochnaich e 8-0 is Jason Guilmartin is Aonghas Dòmhnallach le chèile le trì tadhail.

Tha oidhche dhoirbh eile san amharc aig Ùig is Beàrnaraigh an ath-sheachdain nuair a thèid iad dhan Rubha airson an dàrna geama.

Buaidh

Thug suidheachadh Ùige & Bheàrnaraigh buaidh cuideachd air a' gheama eadar am Bac is Càrlabhagh.

Le cuid de chluicheadairean Chàrlabhaigh a' cluiche 'son Ùige & Bheàrnaraigh ann an Cupa Eilean an Fhraoich, bha na Gormaich air an lagachadh is am Bac fada cus ro mhath dhaibh air an oidhche.

B' e 9-0 a bh' ann air a' cheann thall is Euan MacAnndrais le còig tadhail dha fhèin.

Bha cùisean na b' fhaisge sa gheama eile, an Taobh Siar a' soirbheachadh 2-0 an aghaidh na Hearadh le dà thadhal sa chairteal na h-uaireach mu dheireadh.

Dòchas co-dhiù aig na Hearadh gun urrainn dhaibh sin a thionndadh mun cuairt an ath-sheachdain.

Cha deach an geama eile a bha gu bhith ann oidchhe Luain air adhart is duilgheadas aig Nis sgioba fhaighinn.

Chaidh mar sin buaidh 3-0 a thoirt dha na Lochan.

Bidh na dàrna geamaichean ann Diluain seo tighinn.

Tha an còrr de na geamaichean ann am ball-coise ionadail an t-seachdain seo mar a leanas:

Diciadain 26/6/19

Lìog Leòdhais is na Hearadh

Athletic - Nis (air a chur dheth)

Lìog Uibhist is Bharraigh

Southend 5 Beinn nam Fadhla 4

Dihaoine 28/6/19

Lìog Leòdhais is na Hearadh

Càrlabhagh - Am Bac (7f)

Na Lochan - An Taobh Siar (7f)

Lìog an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse

Gleann Eilg v Juniors Phort Rìgh (7:30f)

Lìog Uibhist is Bharraigh

Uibhist a Tuath - Saints an Iochdair (6:30f)

Disathairne 29/6/19

Cupa Amaitearach na Gàidhealtachd

Athletic Steòrnabhaigh - Slèite is an Srath (3f)

An Rubha - Wick Groats (12f ann an Cùil Bhàicidh)

Lìog an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse

Caol Àcainn - GA United (6f)

Port Rìgh - Malaig (6f)

Lìog Uibhist is Bharraigh

Barraigh - Èirisgeigh (12:30f)

Tuilleadh air an sgeulachd seo