Pìosan de phrama air an lorg an rannsachadh Renee NicRath

Anndra MacRath Image copyright Police Scotland
Image caption Anndra MacRath agus am prama a bh' aige.

Dhearbh Poileas Alba gun deach pìosan de phrama a lorg ann an cuaraidh a tha iad a' sgrùdadh mar phàirt de rannsachadh air cùis Renee NicRath is a mac Anndra.

Chan fhacas Renee, a bha 36, agus Anndra, a bha 3, bhon 12mh den t-Samhain 1976.

Chaidh an càr aig a' Bh-Ph. NicRath fhaighinn na theine air oir an A9, ach cha d' fhuaireadh riamh sgeul oirrese, no air Anndra.

Thòisich na Poilis sa Chèitean am-bliadhna air an uisge a dhrèanadh à Cuaraidh an Lèanaich air iomall Inbhir Nis, faisg air Àraich Chùil Lodair, mar phàirt den rannsachadh.

Chaidh 13 millean liotair de dh'uisge a thoirt às.

Image copyright Poileas Alba
Image caption Tha Poileas Alba air Cuaraidh an Lèanaich a dhrèanadh.

Tha poilis a-nise air innse gun d'fhuair iad cuibhlichean phrama sa chuaraidh.

Bha prama Anndra MhicRath am measg na chaidh a dhìth ann an 1976, is tha na cuibhlichean seo coltach ris an fheadhainn a bh' air a' phrama.

Dh'innis na Poilis gun do lorg iad cnàmhan cuideachd, is iad den bheachd gur iad cnàmhan ainmhidh a th' annta.

"Fhuair sinn lorg air grunn rudan thuige seo, feadhainn dhiubh a tha feumach air an tuilleadh sgrùdaidh," thuirt an Det Insp Brian Geddes.

"Tha rannsachadh mionaideach a-nise a' dol air adhart feuch am faodadh ceangal a bhith ann eadar na rudan seo is an rannsachadh againn mu Renee NicRath is Anndra," thuirt e.