Deugaire a dhìth

Kristiana Zulevica Image copyright Poileas Alba

Tha Poileas Alba a' sireadh fiosrachaidh mu dheugaire a tha a dhìth air a' Ghàidhealtachd.

Chaidh Kristiana Zulevica, 15, a dhìth bho sgìre a' Ghearasdain.

Chunnacas i mu dheireadh mu 10:00f Didòmhnaich an 23mh den Ògmhìos.

Thuirt na Poilis gum bi Kristiana uaireanan a' siubhail gu sgìre an Òbain.

Tha i mu 5′6″, caol, is le gruaig bhàin.

Bu chòir do dhuine sam bith le fiosrachadh fònadh gu Poileas Alba air 101.