Gearan mu Phort-Adhair Inbhir Nis

Port-Adhair Inbhir Nis Image copyright Getty Images

Dh'iarr Port-Adhair Obar Dheathain nach bi inbhe shònraichte aig Port-Adhair Inbhir Nis tuilleadh an taca ri puirt-àdhair eile air Tìr-Mòr.

Tha lasachadh sònraichte bho chìsean APD bho sheirbheisean a-mach à puirt-adhair na Gàidhealtachd is nan Eilean.

Bha planaichean ann gus cur às de dh'APD air feadh na h-Alba, ach chaidh an cur an dàrna taobh sa Chèitean.

Dragh

Tha Port-Adhair Obar Dheathain a-nise ag ràdh gu bheil an suidheachadh a th' ann mì-chothromach, is gu bheil Inbhir Nis "na comraich bho chìsean-adhair".

Thuirt iad gun do sheall sgrùdadh gum faodadh cuideigin a bhiodh a' siubhal às Alba tro Heathrow no Amsterdam £78 a shàbhaladh le a bhith a' falbh às Inbhir Nis seach Obar Dheathain.

"Tha sinn airson is gun gabh an Riaghaltas ceumanan gus an tèid dèiligeadh ri Obar Dheathain is Inbhir Nis san aon dòigh," thuirt an Dr Peadar Smart, a tha na chathraiche air comataidh neo-eisimeileach a tha a' comhairleachadh Port-Adhair Obar Dheathain.

Image caption Tha Port-Adhair Obar Dheathain ag ràdh gum bu chòir faochadh bho APD a bhith ann fhathast air seirbheisean eadar puirt-adhair na Gàidhealtachd is nan Eilean.

"Dh'fheumadh an Riaghaltas fhèin co-dhùnadh ciamar a dhèanadh iad sin, ach saoilidh sinne gur e an dà roghainn a th' ann lasachadh 'son sheirbheisean tro Obar Dheathain air neo APD a chur air seirbheisean às Inbhir Nis gu ruige àiteachan taobh a-muigh na Gàidhealtachd is nan Eilean.

"Tha an t-àm ann gun obraich Port-Adhair Inbhir Nis mar phort-adhair sam bith eile de mheudachd, air bun-stèidh choimeirsealta.

"Chan eil rud a bha iomchaidh bho chionn beagan bhliadhnaichean nuair a bha nas lugha na leth mhillean duine a' cleachdadh Port-Adhair Inbhir Nis a-nise ceart ann," thuirt e.

Faochadh

Chuir Companaidh Puirt-Adhair na Gàidhealtachd is nan Eilean (HIAL) dìon air an t-suidheachadh a th' ann.

Thuirt iad gu bheil ceanglaichean-adhair fìor chudromach dhan sgìre agus gum feum faochadh bho APD a bhith ann "airson coimhearsnachd iomallach is dùthchail a dhìon".

Dh'innis Riaghaltas na h-Alba nach eil dùil aca faochadh bho APD ann an Inbhir Nis a thoirt gu ceann.