Drochaid ga moladh 'son an Longman

Cearcall-rathaid an Longman Image copyright Còmhdhail Alba
Image caption 'S ann aig cearcall-rathaid an Longman a thig an A82 agus an A9 ri chèile.

'S e drochaid a b' fheàrr le Còmhdhail Alba airson piseach a thoirt air sruth na trafaig aig cearcall-rathaid an Longman air an A9 an Inbhir Nis.

Tha rathad cudromach eile, an A82, a' coinneachadh ris an A9 aig a' chearcall-rathaid, agus tha trafaig trom ann aig na h-amannan as trainge.

Dh'iarr Còmhdhail Alba beachdan a' phobaill air molaidhean airson an suidheachadh a leasachadh.

Image copyright AFP
Image caption Fon mholadh a b' fheàrr le Còmhdhail Alba, dheadh an cearcall-rathaid a dhèanamh nas motha, le drochaid a' giùlain an A9 thairis air.

Tha dùil gun cosg an leasachadh eadar £85m agus £95m.

Fon phlana, dheadh an cearcall-rathaid a dhèanamh nas motha, agus dheadh an A9 a chur air drochaid tarsainn air, a leigeil le carbadan nach eil a' dèanamh air Inbhir Nis cumail orra gun mhaill.

Bhiodh an A82 fhèin a' cleachdadh a' chearcaill-rathaid.

Tha am maoineachadh airson an leasachaidh a' tighinn an cois Aonta Baile agus Sgìreil Inbhir Nis a rinneadh ann an 2017.

Bidh 64,000 carbad san là a' cleachdadh a' chearcaill-rathaid sa bhitheantas.