Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

25 An t-Ogmhìos 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Boris Johnson

Dh'iarr Rùnaire na h-Obrach agus nam Peinnsean, Amber Rudd, air Boris Johnson tuilleadh fiosrachaidh a thoirt seachad mu na planaichean aige a thaobh Bhrexit. Thuirt e ris a' BhBC an-dè gun robh e misneachail gum biodh an Rìoghachd Aonaichte a' fàgail an EU aig deireadh na Dàmhair, le aonta leis a' Bhruiseil - nam biodh esan mar Phrìomhaire. Tha e fhèin agus Jeremy Hunt ri farpais airson ceannas nan Tòraidhean an-dràsta. Dh'iarr Amber Rudd air Mgr Johnson innse mar a bhiodh e a' toirt còmhla daoine sa Phàrtaidh Thòraidheach le diofar bheachdan, agus mar a dhèanadh e adhartas leis an EU.

SPPA

Chaidh fhàgail air a' bhuidhinn a tha a' dèiligeadh ri peinnseanan na roinne poblaich ann an Alba, nach do rinn iad idir sgrùdadh gu leòr air cùmhnant IT a th' air fàiligeadh orra. Thuirt Buidheann Sgrùdaidh na h-Alba gu bheil toll de £23m a-nis sa bhuidseat aig an SPPA. Ghabh iadsan ri tagradh bhon chompanaidh Capita airson siostam IT, ach thuirt Buidheann Sgrùdaidh na h-Alba gun robh an tairgse sin ro ìosal bho thùs.

Deugaire a Dhìth

Tha na Poilis a' sireadh fiosrachaidh mu dheugaire a tha a dhìth air a' Ghàidhealtachd. Chaidh Kristiana Zulevica, 15, a dhìth bho sgìre a' Ghearasdain. Chunnacas i mu dheireadh mu 10:00f Didòmhnaich. Thuirt na Poilis gum bi Kristiana uaireanan a' siubhail gu sgìre an Òbain. Tha i mu 5′6″, caol, is le gruaig bhàin. Bu chòir do dhuine sam bith le fiosrachadh fònadh gu Poileas Alba air 101.

Renee NicRath

Chaidh cnàmhan, agus pàirt de phrama a lorg aig seann chuaraidh faisg air Inbhir Nis, far a bheil na Poilis air a bhith a' rannsachadh mar a chaidh Renee NicRath agus a mac a dhìth o chionn còrr air dà fhichead bliadhna. Chaidh a lorg aig bonn Chuaraidh an Lèanaich, faisg air Cùil Lodair. Tha dùil aig an ìre seo gur iad cnàmhan ainmhidh a chaidh a lorg. Thuirt na Poilis gun tèid sgrùdadh mionaideach a dhèanamh orra ge-tà, feuch a bheil ceangal aca ris an rannsachadh mhuirt. Chaidh Renee NicRath, a bha 36, agus a mac Anndra, a bha 3, a dhìth san t-Samhain 1976, dar a chaidh càr na Mnà-Pòsta NicRath fhaighinn air a losgadh ri taobh an A9 deas air Inbhir Nis.

Cìs APD

Dh'iarr ceannardan phort-adhair Obar Dheathain a-rithist nach biodh faochadh ann do Phort-Adhair Inbhir Nis bho chìsean adhair APD. Tha Obar Dheathainn a' gearain nach eil e cothromach nach eil a' chìs ri phàigheadh air seirbheisean às Inbhir Nis, dar a tha air seirbheisean acasan. Thuirt Companaidh Phort-adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean gun robh am faochadh bho chìs APD cudromach airson na puirt-adhair dhùthchail acasan a dhìon.