Cunnart gun dùin taigh-spadaidh Loch nam Madadh

Taigh-Spadaidh Loch nam Madadh

Tha iarrtas ann nach cuireadh Riaghaltas na h-Alba uimhir de riaghailtean agus de dhleastanasan air taighean-spadaidh ann an àitichean iomallach 's a tha mu choinneimh thaighean-spadaidh mòra air Tìr-Mòr.

Thuirt BP nan Eilean Siar, Aonghas Brianan MacNèill, gu bheil am fear aig a bheil taigh-spadaidh Loch nam Madadh faisg air an obair a chur bhuaithe, agus uimhir de riaghailtean ùra a' tighinn an lùib na h-obrach.

"Mura faighear fuasgladh airson seo, tha cunnart ann gun dùin an taigh-spadaidh beag a tha seo air 1mh an t-Iuchar ri linn na tha de sgrùdaidhean 's obair pàipeir a tha a dhìth," thuirt Mgr MacNèill.

"Tha luach dha-rìribh ann an taigh-spadaidh Loch nam Madadh don choimhearsnachd croitearachd, agus tha e na adhbhar dragh mòr gu bheileas a' beachdachadh air a dhùnadh.

Rud às dèidh rud

"Gu nàdarra, tha sinn uile ag aithneachadh gu bheil feum air sgrùdaidhean gus sàbhailteachd bìdh a dhearbhadh, ach feumaidh na h-uimhir de shùbailteachd a bhith ann do ghnothachasan beaga.

"Chan fhaod sinn leigeil le Uibhist a bhith às aonais taigh-spadaidh, agus tha mise ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba cuideachadh gus fuasgladh a ghabhas obrachadh a lorg," thuirt e.

Tha Alasdair MacEachain, aig a bheil stoc agus a tha ag obair ann an roinn Slàinte na h-Àrainneachd, ag ràdh nach ionnan taighean-spadaidh mòra agus feadhainn bheaga.

"Thathar a' sìor bhruidhinn air riaghailtean ùra ceangailte ri maith bheathaichean, 's a' bruidhinn air camarathan, 's gum feumar, a rèir riaghailtean ùra a tha a' tighinn a-staigh, CCTV a chur anns na taighean-spadaidh," thuirt e.

"Tha dùil gun tig sin fhathast. Sin an rud - tha rud às dèidh rud mar gum biodh a' bualadh air na taighean-spadaidh beaga ionadail, san aon dòigh 's a tha iad a' bualadh air an fheadhainn as motha.

"Tha na cosgaisean a rèir na tha a' dol tron taigh-spadaidh.

"'S cuid de na riaghailtean a tha sin cuideachd, tha cìsean an cois rudan a tha ri dhèanamh, agus ri sùil a thoirt orra - co-dhiù tha na cìsean a tha sin air am pàigheadh dhan Riaghaltas no dha na lìghichean-sprèidh, no ge b' e cò.

"Tha gu leòr de na cìsean a tha sin a cheart cho àrd, no cho daor, dha na taighean-spadaidh beaga 's a tha dha na taighean-spadaidh mòra, a tha, tuigidh daoine, a' cosnadh cus a bharrachd leis na tha a' dol tro na taighean-spadaidh mòra," thuirt e.

Tha Mgr MacEachain den bheachd gu bheil argamaid ann airson riaghailtean eadar-dhealaichte airson taighean-spadaidh beaga, leithid anns na h-eileanan.

"Tha mi a' smaointinn gu bheil, a thaobh, gu ìre mhòir tha na taighean-spadaidh ionadail beaga anns na h-eileanan, gu math tric 's e stoc a bhuineas dha na h-eileanan fhèin.

"Mar a tha na taighean-spadaidh mòra, chan eil mar gum biodh, uiread smachd ann an sin air cò às a tha na beathaichean a' tighinn.

Làithean air làraidhean

"Faodaidh an fheòil a bhith a' dol fada is farsainn.

"Mar a tha seo, tha cothrom againn le taigh-spadaidh a bhith againn, an fheòil againn fhìn a bhith ga creic air an eilean, an àite a bhith a' toirt a-staigh feòla.

"Mura bi taigh-spadaidh againn, cha bhi an cothrom a tha sin againn.

"Tha an lagh fhathast a' ceadachadh do dhaoine aig a bheil stoc beathaichean a mharbhadh dhaibh fhèin, ach 's ann dhan teaghlach aca fhèin.

"Chan eil e ceadaichte an fheòil a tha sin a toirt seachad no a chreic.

"Ach cha bhiodh daoine airson a dhol air ais dhan dòigh a tha sin.

"An aon roghainn eile a bhiodh aca, 's e stoc a chur air falbh gu Tìr-Mòr.

"Tha taigh-spadaidh an Inbhir Pheofharain, 's thall taobh Obar Dheathain.

"'S ma tha iad ag ràdh air aon làimh gum feum iad camarathan a chur anns na taighean-spadaidh airson sùil a chumail air dè mar a thathar a' làimhseachadh stuic, a bheil iad an uair sin aig an aon àm ag ràdh gu bheil e a cheart cho math dhan stoc sin ma dh'fheumas siubhal làithean air làraidhean a' falbh gu taigh-spadaidh air Tìr-Mòr.

"Chan eil an da rud a' tighinn a rèir a chèile, nam bheachd-sa co-dhiù," thuirt e.