Parade
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Teisteanas sònraichte 'son pròiseact an Iolaire

24 An t-Ogmhìos 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Chaidh toiseach Seachdainn nam Feachdan Armaichte a chomharrachadh ann an Steòrnabhagh Diluain.

Chaidh an cothrom a ghabhail teisteanas sònnraichte a thoirt seachad do dh'Ard-sgoil MhicNeacail airson a' phàirt a bh' acasan ann an a bhith a' cuimhneachadh Call an Iolaire aig deireadh na bliadhna sa chaidh.

Tha sgoiltean nan eilean gu lèir a' faighinn an teisteanais airson a' phròiseict 'Dileab', a chuidicheas le a bhith a' cumail cuimhne air buaidh a' Chiad Chogaidh, agus air an tubaist uamhasach a bhuail Leòdhas agus na Hearadh.