Binn prìosain dha fear a shàth athair

Cuirt an t-Siorraidh an Inbhir Nis. Image copyright James Denham / Geograph

Chaidh fear à Inbhir Nis a chur dhan phrìosan airson athair a shàthadh.

Chuireadh binn dà bhliadhna air Sìm Junor, 33.

Chuala Cùirt an t-Siorraidh ann an Inbhir Nis gun deach Junor gu taigh a seanmhar sa Chananaich, far an robh athair a' fuireach, sa Ghiblean an-uiridh.

Chaidh an dithis a-mach air a' chèile is fhuair Junor sgian bhon chidsin is shàth e athair na ghàirdean.

Chaidh athair Junor a thoirt a dh'Ospadal an Ràthaig Mhòir far an deach e fo obair-lannsa.

Dh'innis fear-lagha Junor gun do bhàsaich màthair Junor bho chionn bhliadhnaichean is gun robh an càirdeas eadar Junor is athair air a dhol bhuaithe gu tur bhon uairsin.

Thuirt e gun robh Junor òg den bheachd gun do chum athair airgead a bha a mhàthair air fhàgail aige.

Dh'aidich Sìm Junor sa chùirt Diluain gun robh e ciontach air ionnsaigh a dh'fhàg athair ann an cunnart a bheatha.

Chaidh binn dà bliadhna air, a' tòiseachadh sa Mhàrt, is Junor air a bhith fo ghlais bhon uairsin.