Oidhche mhòr do sgioba Ùige & Bheàrnaraigh

Ball-coise

Tha dùil ri sluagh mòr aig Cnoc a' Choilich an Càrlabhagh oidhche Luain is sgioba Ùige & Bheàrnaraigh a' tilleadh gu Cupa Eilean an Fhraoich.

Bidh iad a' cluich an Rubha.

B' ann ann an 1986 a chluich Ùig is Beàrnaraigh san fharpais mu dheireadh.

Tha an sgioba air a bhith ag ullachadh is iad trang anns na seachdainean mu dheireadh le geamaichean càirdeil.

Tha iad cuideachd air busaichean a chur air dòigh gus an luchd-taic aca a thoirt a Chàrlabhagh oidhche Luain.

Tha dà gheama eile ann oidhche Luain is am Bac a' dol an aghaidh Chàrlabhaigh is an Taobh Siar a' cluich an aghaidh na Hearadh.

Tòisichidh na geamaichean uile aig 7f.

Bha Nis is na Lochan gus a bhith a' cluich cuideachd, ach dh'innis Nis Diluain nach tèid aca air sgioba a chur air a' phàirce.

Chaidh buaidh 3-0 a thoirt dha na Lochan.

Chan eil Nis air tarraing a-mach às an fharpais ge-tà, is dùil gun tèid an dàrna geama eadar na sgiobaidhean an ath-sheachdain air adhart.

Cupa Eilean an Fhraoich - A' Chiad Chuairt - 24.6.19

Am Bac - Càrlabhagh

An Taobh Siar - Na Hearadh

Ùig & Beàrnaraigh - An Rubha

'S ann thairis air dà gheama a tha an gnothach is coinnichidh na sgiobaidhean a-rithist Diluain an 1mh den Iuchar.

'S iad an Taobh Siar a bhuannaich Cupa Eilean an Fhraoich ann an 2018.

'S ann am Barbhas a bhios a' chuairt dheireannach am-bliadhna Dihaoine an 2na là den Lùnastal.

Tuilleadh air an sgeulachd seo