Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

24 An t-Ogmhìos 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Boris Johnson

Tha luchd-taic Boris Johnson a' fàgail air an fheadhainn a tha ga chàineadh gu bheil iad a' cleachdadh seann dhòighean an Aonaidh Shòbhietich gus feuchainn ri bacadh a chur air an iomairt aige. Thuirt am ball Tòraidheach Jacob Rees-Mogg air LBC gun robh e "uabhasach" gun robh nàbaidhean air clàradh a dhèanamh de dh'àimhreit eadar Mgr Johnson agus a leannan nan dachaigh, agus gun robh iad air a thoirt do phàipear-naidheachd.

Prìosanaich

Nochd dragh mu na duilgheadasan a tha an cois a bhith a' siubhal às na h-eileanan a dh'fhaicinn chàirdean a tha sa phrìosan air Tìr-Mòr. Tha feadhainn ga fhaighinn doirbh cumail ri riaghailtean nam prìosan a thaobh cuin agus dè cho tric as urrainnear tadhal air prìosanaich 's iad a' dèiligeadh ri clàran-ama aiseagan is eile. Tha fianais ann gu bheil nas lugha chunnairt ann gun till feadhainn dhan phrìosan ma tha iad a' cumail cheanglaichean làidir ris na teaghlaichean aca fhad 's a tha iad ann.

An Teallach

Chaochail fear-sreap air An Teallach feasgar an-dè an dèidh dha tuiteam. Chaidh fios a chur air sgioba teasairginn nam beann agus chaidh aig heileacoptair teasairginn à Inbhir Nis air corp an duine a thoirt far na beinne. Chaidh dithis luchd-coiseachd eile a bha cuideachd air a' bheinn, ach aig nach robh ceangal ris an duine a chaill a bheatha, a thoirt far na beinne. Thuirt Ceannard Sgioba Teasairginn Bheanntan Dhùn Dòmhnaill, gun robh iad a' smaoineachadh air teaghlach is càirdean an fhir a bhàsaich.

Jackie Bywater

Tha poilis ag ràdh gun d' fhuaireadh lorg air tè choiseachd nach fhacas o chionn sia seachdainnean agus i slàn sàbhailte. Chaidh lorg fhaighinn air Jackie Bywater air an deireadh-sheachdain agus i ann an sgìre Langholme. Bha am boireannach, aois 48, air falbh à Moffat, a tha 30 mìle air falbh o far an d' fhuaireadh i. Bhathar air a bhith ag iarraidh air luchd-coiseachd eile coimhead a-mach air a son ann am bothag ann an sgìre Mhoffat.

Clann IS

Tha Astràilia air cobhair a dhèanamh air ochdnar chloinne agus òghaichean do luchd-sabaid IS a chaochail agus a bha ann an campa fògarrach ann an Siria. Thuirt Prìomhaire Astràilia, Scott Moireasdan, gun deadh an stèidheachadh anns an dùthaich acasan.

Bochdainn Cloinne

Tha buidheann iomairt a' feuchainn ri ìmpidh a chur air Riaghaltas na h-Alba sochair ùr do theaghlaichean air teachd-a-steach ìosal a thoirt air adhart 's a thòiseachadh anns an aithghearrachd. Tha buidheann de 70 ceannard o ghnothachasan, carthannasan, agus o bhuidhnean cnàmhaidh air sgrìobhadh chun a' Phrìomh Mhinisteir agus iad ag iarraidh gun tèid Sochair Leasachaidh Teachd-a-steach Teaghlaich a thoirt a-steach ron bhliadhna 2022. Tha ministearan ag ràdh gu bheilear a' cosg £50m air a bhith a' strì an aghaidh bhochdainn chloinne ann an diofar dhòighean.