Bàs air An Teallach

An Teallach Image copyright Hill Walker/Geograph

Bhàsaich fireannach, 70, an dèidh dha tuiteam is e a' coiseachd air An Teallach air taobh siar Rois feasgar Didòmhnaich.

Chaidh aig heileacoptair, le taic bho Sgioba Teasairginn Dùn Dòmhnaill, air corp an duine a lorg, 's a thoirt air ais gu ionad na sgioba teasairginn ann an Dùn Dòmhnaill.

Chaidh dithis luchd-coiseachd eile, a bha san aon sgìre ach nach robh ceangailte ris an duine a bhàsaich, a thogail far na beinne cuideachd, 's fhuair iad taic aig ionad na sgioba teasairginn.

"Tha na smuaintean againn aig an àm dhuilich seo le teaghlach agus caraidean an fhir a bhàsaich," thuirt ceannard na sgioba teasairginn, Dòmhnall MacRath.

"Bu mhath leam an cothrom seo a ghabhail taing a thoirt do luchd-coiseachd eile a thug taic dhuinn, a thuilleadh air na h-oidhirpean ionantach a rinn ar co-obraichean bho heileacoptair nam Maor-Cladaich à Inbhir Nis.

"Gu mì-fhortannach, 's e seo an dàrna bàs ris an tàinig oirnn dèiligeadh air a' bheinn seo am-bliadhna," thuirt e.

Thuirt Poileas Alba nach eil dad amharasach mun chùis agus gun tèid aithisg a chur gu Neach-casaid a' Chrùin.